Caisteal Chiosmuil air fosgladh dhan phoball 'son a' chiad turas an sia bliadhna

Caisteal ChiosmuilTùs an deilbh, Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Dhùin an caisteal ann an 2020 air adhbharan sàbhailteachd

  • Air fhoillseachadh

Tha Caisteal Chiosmuil ann am Barraigh a' cur fàilte uair eile air luchd-tadhail an dèidh obair ghlèidhteachais agus neartachaidh air an làraich eachdraidheil.

Dhùin seann dachaigh Clann Mhic Nèill Bharraigh a dhorsan don mhòr-shluagh aig àm covid agus a-rithist ann an 2020 agus draghan ann mu staid an togalaich.

Rinn an ùine a thug e an obair chàraidh sin a dhèanamh dragh do chuid ann am Barraigh.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES), ris a bheil an togalach an urra, a' gabhail ris gu bheil am pròiseact air "bliadhnaichean a thoirt ga choileanadh, le obraichean deatamach gus dèiligeadh ri dùbhlain glèidhteachais a bha toinnte".

Thuirt Katey Boal, Ceannard na Roinne a Tuath aig HES: "Tha sinn air a bhith ag obair taobh ri taobh le coimhearsnachdan Bharraigh is Bhatarsaigh agus tha an taic acasan air a bhith mar phrìomh phàirt den t-slighe seo."

Tha HES , taobh a-muighag ràdh gum faod daoine ticeadan a cheannach a-nis airson turas air bàta a-mach chun a' chaisteil suas gu deireadh na Sultaine nuair a dhùineas e airson a' gheamhraidh.

Daoine taobh a-staigh Caisteal Chiosmuil le Bàgh a' Chaisteil air an cùlaibhTùs an deilbh, Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an t-slighe-coiseachd àrd ùrachadh mar phàirt den phròiseact ath-nuadhachaidh

Rinneadh obair gus an togalach a neartachadh agus a dhèanamh nas sàbhailte do luchd-tadhail.

Tha slighe-coiseachd àrd ùr ann agus às an sin tha sealladh aig luchd-tadhail air Bàgh a' Chaisteil.

Chaidh pàirt den obair a mhaoineachadh le Fonndas Alba Aosmhor, bho thabhartasan do Chaisteal Chiosmuil a chuir Comann Chlann MhicNèill Aimeireaga air dòigh.

Bha Caisteal Chiosmuil na chathair-suidhe aig Clann MhicNèill Bharraigh bhon 15mh Linn suas gu 1838 nuair a chaidh an t-eilean a reic.

Chaidh a cheannach a-rithist ann an 1937 le ceann-feadhna Chlann MhicNèill aig an àm a rinn oidhirp an caisteal ath-leasachadh.

Rinneadh aonta màil fad 1000 bliadhna le Alba Eachdraidheil ann an 2001.

Tuilleadh air an sgeulachd seo