Obair air tòiseachadh air Caisteal Chiosmuil

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Àrainneachd Eachdraidheil Alba gu bheil obair a-nise air tòiseachadh gus Caisteal Chiosmuil a dhèanamh sàbhailte, ged nach eil dùil gum fosgail e às ùr san aithghearrachd.
Tha an togalach air a bhith dùinte bho àm a' phandemic is Àrainneachd Eachdraidheil Alba air draghan a thogail mu shàbhailteachd.
Chuir an Ceann-cinnidh, Ruairidh MacNèill, an caisteal ann an làmhan na buidhne ann an 2001.
Ach tha mì-thoileachas air a bhith ann am Barraigh mun ghnothach is daoine ag ràdh gur e call mòr a th' ann nach robh an caisteal fosgailte.
Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a-nise air a bhith a' mìneachadh gu bheil trioblaid ann gu sònraichte le obair a rinneadh san 20mh linn gus an caisteal a dhìon.
Feumaidh iad obair a dhèanamh air a' choncrait, tha iad ag ràdh, agus pìosan stàilinn.
Tha iad mar-tha air a bhith a' cleachdadh heileacoptarean gus uidheamhachd a ghluasad chun na làraich.

"Tha fios againn cho cudromach 's a tha Caisteal Chiosmuil dhan choimhearsnachd is gu bheil iad airson is gum bi e fosgailte," thuirt Jamie Mac a' Phearsain bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba.
"Tha dùbhlain ann - cuid a tha eachdraidheil is cuid a tha ceangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde.
"Tha sinn glè thoilichte gu bheil an obair seo air tòiseachadh agus 's e ceum a th' ann a dh'ionnsaigh an tuilleadh obrach a dhèanamh - agus an caisteal fhosgladh san ùine-fhada dhan choimhearsnachd agus do luchd-tadhail," thuirt e.
Dh'innis a' bhuidheann gum fàg an obair cuideachd gum bi e comasach do dh'eòlaichean sgrùdadh nas mionaidiche a dhèanamh air a' chloich sa chaisteal.
Tha iad ag ràdh gun toir sin dhaibh fiosrachadh cudromach 'son clàr-ama obrach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2022

- Air fhoillseachadh29 Am Màrt 2022

- Air fhoillseachadh19 An Giblean 2023
