Òran ùr Gàidhlig a' cur Fo-Chanabhas 2026 air chois

SianTùs an deilbh, EDEN COURT
Fo-thiotal an deilbh,

Dh' fhosgail Sian fèis Fo-Chanabhas

  • Air fhoillseachadh

Bha a' Ghàidhlig aig cridhe chùisean airson fèis Fo-Chanabhas aig Eden Court ann an Inbhir Nis a chur a dhol agus i gu bhith a' ruith airson ochd seachdainean.

Sin agus Eden Court, le taic bho Mhaoin nan Ealan Gàidhlig, air iarraidh air a' chòmhlan Sian òran ùr a dhèanamh agus 50 bliadhna ga chomharrachadh bho fhosgail an t-ionad-ealain.

Sgrìobh iad 'Air an Starsaich' agus ghabh iad e a-raoir ann an teant a bha loma-làn 's na ticeadan air fad air a bhith air an reic.

Tha an t-òran a' comharrachadh bhoireannach Gàidhealach an là an-diugh agus feadhainn bho na làithean a dh'fhalbh, a thug buaidh aig amannan cudromach ann an eachdraidh na Gàidhealtachd ach nach d'fhuair an aithne air an robh iad airidh.

Stèidhich iad e air leithid Màiri Mhòr nan Òran, na boireannaich a bha an lùib Blàr a' Chumhaing, Rona Lightfoot agus feadhainn a bha ag iomairt an aghaidh chìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Ceannard Thachartasan Beò Eden Court, Susannah Armitage Tùs an deilbh, EDEN COURT
Fo-thiotal an deilbh,

Ceannard Thachartasan Beò Eden Court, Susannah Armitage

Thuirt Ceannard Thachartasan Beò Eden Court, Susannah Armitage, gu bheil cànan agus cultar na Gàidhlig na phrìomhachas dhaibh agus gun robh iad airson 's gum biodh sin mar phàirt de chomharrachadh a' chinn-bhliadhna shònraichte seo.

"Tha Sian air pìos ciùil àlainn a chruthachadh," thuirt i.

"Tha iad air guth a thoirt do bhoireannaich Ghàidhealach - feadhainn a th' air cur ris a' chultar ach ann an dòigh nach eil glè thric cho follaiseach.

Hannah Rarity a' seinn aig Fo-ChanabhasTùs an deilbh, EDEN COURT
Fo-thiotal an deilbh,

Nochd Hannah Rarity air an àrd-ùrlar cuideachd

Thòisich fèis Fo-Chanabhas ann an 2018 agus tha i air a dhol bho neart gu neart bhon uair sin, a' tàladh nan ceudan luchd-ciùil ainmeil thar nam bliadhnaichean.

Gach Diciadain - Là na Sàbaid eadar seo agus an 30mh den Lùnastal, bidh ceòl beò ri chluinntinn taobh a-muigh Eden Court air bruaichean Abhainn Nis.

Nochdaidh 195 neach-ciùil air an àrd-ùrlar agus tha dùil ri còrr is 8,000 san luchd-èisteachd.

Nam measg tha Donnchadh Siosalach, Michael McGoldrick, Rachel Sermanni, Kris Drever agus Cahalen Morrison.

Thèid a' chiad Chèilidh Fo Chanabhas a chumail am-bliadhna cuideachd.

Gheibhear ticeadan air làrach-lìn, taobh a-muigh Eden Court.

Chan eil iad air an reic aig prìs stèidhichte agus thathas an iarraidh air daoine an t-suim a tha a' freagairt orrasan a phàigheadh.