Dragh mu Chaisteal Chiosmuil

  • Air fhoillseachadh
Caisteal ChiosmuilTùs an deilbh, M J Richardson/Geograph

Chaidh dragh a thogail mu na tha an dàn do Chaisteal Chiosmuil ann am Barraigh.

'S ann le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba a tha an togalach, a tha am measg an fheadhainn as aithnichte san dùthaich.

Bha an caisteal, a tha na shuidhe air eilean beag ann am Bàgh a' Chaisteil, na dhaingeann aig Clann Nìll fad linntean.

Le dùil ri cruinneachadh eadar-nàiseanta Chlann Nìll nas fhaide den bhliadhna seo, tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air sgrìobhadh gu Rùnaire a' Chaibineit airson na Bun-reachd, nan Gnothaichean Cèine 's a' Chultair, Aonghas Robasdan BPA, a dh'fhaighneachd dè na planaichean a th' aig Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba airson an caisteal fhosgladh às ùr dhan phoball, 's dè na planaichean a th' aca airson obair-càraidh a dhèanamh air.

Tha an togalach air a bhith dùinte tron phandemic.

Sàbhailteachd

"'S e cùis truaighe a th' ann do dhùthaich sam bith ma tha làrach cho ainmeil ri Caisteal Chiosmuil dùinte gun plana soilleir a bhith ann airson ath-fhosgladh," thuirt Mgr Allan.

"Bidh e na bhriseadh dùil mòr, mar eisimpleir, ma bhios an togalach fhathast dùinte don phoball tro chruinneachadh eadar-nàiseanta Chlann Nìll nas fhaide den t-Samhradh seo.

"Feumaidh plana a bhith ann san ùine fhada bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba airson Caisteal Chiosmuil.

"Gu mì-fhortannach, ged a bhiodh an caisteal a' fosgladh a-màireach, tha coltas ann gum biodh cuid mhòr dheth dùinte - an Talla Mhòr nam measg - 's eagal ann mu shàbhailteachd na clachaireachd.

"Tha dragh orm fhèin, air MacNèill Bharraigh, agus air a' choimhearsnachd san fharsainneachd, gu bheil fear de na togalaichean as aithnichte an Alba a' dol bhuaithe fo shealbh na Stàite.

"Tha mi air iarraidh gun coinnich Rùnaire a' Chaibineit rium fhèin agus le feadhainn eile le ùidh gus na gnothaichean seo a ghluasad air adhart," thuirt e.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt Dòmhnall Manford ann am Barraigh gu bheil an suidheachadh na dhragh.

"Tha an caisteal air a bhith uabhasach soirbheachail dhan choimhearsnachd agus an t-uabhas dhaoine a tha air a bhith a' dol air ais is air aghaidh thuige.

"Tha sinn air cur suas ris gun teagamh san dà bhliadhna a chaidh seachad is tuigidh sinn uile carson, ach chaidh Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba nan cadal air seo fada mun tàinig Covid oirnn.

"Tha dragh mòr domhain nach eil iad air a bhith a' bruidhinn ris a' choimhearsnachd agus a' dol an sàs.

"Tha an t-àm aca dùsgadh agus bruidhinn rinn", thuirt e.

Tuigse

Thuirt Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba gu bheil iad mothachail air an t-suidheachadh.

"Tha sinn gu mor a' tuigsinn nan draghan a th' ann a thaobh Caisteal Chiosmuil, ach sa chiad dol a-mach 's e am prìomhachas a th' againn luchd-obrach is luchd-tadhail a chumail sàbhailte is mar sin tha an caisteal fhathast dùinte aig an ìre seo", thuirt neach-labhairt bhon bhuidhinn.

"Tha sinn an dùil ath-sgrùdadh a dhèanamh aig an làraich an ath-mhìos is coimhead ris na roghainnean a dh'fhaodadh a bhith ann, is bidh còmhraidhean a' leantainn," thuirt iad.