Tuilleadh sgrùdaidh feuch smachd fhaighinn air màl goirid an Loch Abar

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach ri co-chomhairleachadh poblach air am bu chòir smachd a chur air an àireamh de dh'àitichean-fuirich ann an Loch Abar a tha rim faotainn air mhàl airson ùine ghoirid a-mhàin.
Chuala comataidh Loch Abair Diluain gu bheil aon anns gach deich de thaighean agus flataichean a dh'fhaodadh a bhith nan dachaighean san sgìre gan leigeil a-mach do luchd-turais tro an leithid AirBnB.
Chuir iad taic ri moladh gun rachadh sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh air plana 'son sòn smachdachaidh a stèidheachadh an Loch Abar mar a thachair am Bàideanach agus Srath Spè.
Nan cuireadh iad sgeama mar seo an sàs san sgìre bhiodh e a' ciallachadh gum biodh cead-dealbhachaidh a dhìth air daoine nan robh iad airson dachaigh a shanasachd mar àite-fuirich turasachd.
Thuirt cathraiche na comataidh ionadail, Kate Willis, gun robh dìth taigheadais na thrioblaid mhòr san sgìre agus gur dòcha gur e fuasgladh gu ìre a bhiodh sa phlana.
Moladh smachd air màl goirid a thoirt a-steach an Loch Abar ga dheasbad
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2025
Moladh gun sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid a bhith air Ghàidhealtachd air fad
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
15% de thaighean ùra Sgitheanach o 2020 airson màl ghoirid
- Air fhoillseachadh23 An Dàmhair 2025
A rèir àireamhan tha 7% de thaighean a thogadh an Loch Abar sna còig bliadhna a dh'fhalbh an-dràsta gan leigeil a-mach air mhàl airson ùine ghoirid.
Ron choinneimh an-dè thuirt Comann Fèin-frithealaidh na h-Alba gun robh an eaconomaidh ionadail a' crochadh air turasachd agus nach robh e cothromach an coire a chur air gnothachasan beaga airson nan trioblaidean a th' air a bhith ann fad ùine mhòr le dìth dhachaighean
Ge-tà, dh'aontaich comhairlichean a dh'aona-ghuthach gum bu chòir planaichean airson sgìre-smachdachaidh ullachadh agus gum bu chòir beachdan a shireadh air a' mholadh.
Tha comhairlichean comataidh Taobh Siar Rois, Srath Pheofhair agus Loch Aillse cuideachd air gabhail ris an aon mholadh san sgìre acasan.
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd san t-Sultain gum bu chòir co-dhùnaidhean mu riaghailtean a thaobh màl ghoirid fhàgail aig comataidhean sgìreil seach sgeama a bhith ann san sgìre gu lèir.