
'S e an Hogwarts Express mar as fheàrr a dh'aithnichear an trèan-smùide an dèidh mar a nochd i ann an dà fhilm Harry Potter
Chaidh seirbheisean Trèan-smùide an Jacobite eadar an Gearasdan agus Malaig a chur dheth air adhbharan sàbhailteachd.
'S e an Hogwarts Express a chanas iad ris an trèan, a tha na tarraing mhòr do luchd-turais, an dèidh dhi nochdadh ann an dà fhilm Harry Potter.
Thuirt West Coast Railways, a' chompanaidh a tha a' ruith na seirbheis, gun d' fhuair sgrùdadh a rinn Oifis na Rèile 's an Rathaid gun rabhadh a thoirt seachad ro-làimhe trioblaid theicnigeach neo dhà leis an trèan.
Dhearbh iad gu bheil na seirbheisean air a bhith dheth airson faisg air seachdain, agus nach tòisich iad às ùr gu co-dhiù an 26mh den Iuchar.
Chaidh innse do luchd-siubhail a bha air turas a chur air dòigh, agus chaidh gealltainn dhaibh gum faigh iad an cuid airgid air ais.