Ceist mu sheasmhachd an dealain an Uibhist is Barraigh

  • Air fhoillseachadh
CàballTùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Obair air càball ùr fon mhuir eadar an t-Eilean Sgitheanach is na Hearadh, às dèidh mar a bhrist an càball a bh' ann.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' toirt rabhaidh mu sheasmhachd an dealain an Uibhist is Barraigh.

Thàinig seo às dèidh mar a dhiùlt Ofgem cead a thoirt do phlana SSEN dà chàball dealain ùr a chur fon mhuir chun na sgìre.

Chan eil ach aon chàball eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist agus 30 bliadhna on chaidh a chur ann.

Thog Comhairle nan Eilean Siar air mar a bhrist an càball sin eadar an t-Eilean Sgitheanach is Leòdhas is na Hearadh anns an Damhair 2020.

Dh'fhàg seo gun robh Leòdhas is na Hearadh an eisimeil cumhachd bho stèisean dìosail ionadail fad deich mìosan, is a' Chomhairle ag ràdh gun robh buaidh gu sònraichte air buidhnean coimhearsnachd le sgeamaichean ath-nuadhachail a bha nan tàmh ri linn na thachair.

Iomagain

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil cunnart mòr gum bris càball Uibhist is Bharraigh cuideachd.

Dh'innis iad gun robh SSEN, mar phàirt den ro-innleachd aca airson 2023-2028, airson dà chàball a chur eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath is Uibhist a Deas, an àite a' chàbaill a th' ann.

Tha iad ag ràdh gu bheil Ofgem air leigeil fhaicinn nach eil iad an dùil taic a chumail ri dà càball, no fiù 's aon càball ùr an àite a' chàbaill a th' ann.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil ceist mhòr an seo mu sheasmhachd an dealain an Uibhist is Barraigh.

Tha iad a' cur ìmpidh air muinntir Uibhist agus Bharraigh sgrìobhadh gu Ofgem le am beachdan.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir do dhaoine fios a chur air RIIOED2@ofgem.gov.uk ro dheireadh an là Diardaoin an 25mh den Lùnastal.