Airgead ga iarraidh airson nan rathaidean
- Air fhoillseachadh

Tha sìde reòite air milleadh a dhèanamh air na rathaidean
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh barrachd airgid bhon Riaghaltas 's sìde gheamhradail air milleadh a dhèanamh air na rathaidean.
'S e a' Ghàidhealtachd an sgìre chomhairle as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, 's i a' toirt a-steach an treas cuid de dh'Alba.
Thuirt Cathraiche Chomataidh Àrainneachd, Leasachaidh agus Bhun-structair na Comhairle, Ailean MacEanraig, gu bheil an geamhradh fada air buaidh mhòr a thoirt air na rathaidean, 's dùbhlan mòr ann an cumail fosgailte.
Nuair a bhios sin seachad, thuirt e, bidh aca ri measadh a dhèanamh air na tuill anns na rathaidean.
Thuirt Ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, gun toir iad gu aire an Riaghaltais an "suidheachadh sònraichte" anns a bheil a' Ghàidhealtachd.
Bidh iad a' sireadh taic, thuirt i, bho luchd-poileataigs na sgìre airson tuilleadh airgid fhaighinn.
Chaidh an tagradh mu dheireadh a rinn a' Chomhairle airson airgead a bharrachd airson nan rathaidean a dhiùltadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Gearran 2018
