Naidheachdan 11:00m
An Ruis
Tha Ministreachd an Dìon a' fàgail air an Ruis gu bheil iad ri dol a-mach nach eil sàbhailte 's a tha mì-phroifeiseanta an dèidh mar a chaidh itealan Ruiseannach seachad gu math faisg air soitheach cogaidh Bhreatannach. Tha an HMS Prince of Wales an-dràsta air misean sa Mhuir Nirribhich.
An Ucràin
Tha feachd adhair na h-Ucràin ag ràdh gu bheil gainnead mòr urchairean Interceptor a' ciallachadh nach deach gin de na h-urchairean ballistic a loisg an Ruis air Kyiv tron oidhche a leagail. Chaidh co-dhiù 14 duine mu thimcheall air a' phrìomh bhaile a mharbhadh.
Nigel Farage
Tha Nigel Farage a' cumail a-mach nach do bhris e riaghailtean pàrlamaideach a dh'aindeoin 's nach do dh'innis e gun d' fhuair e buannachdan bho fhear a chaidh a dhìteadh le foill anns na Stàitean Aonaichte roimhe. Thuirt an Sunday Times gun tug George Cottrell seirbheisean tèarainteachd agus luchd-obrach mheadhanan sòisealta do cheannard Reform UK a' bhliadhna mus deach a thaghadh mar bhall. Chuir Cottrell seachad ochd mìosan anns a' phrìosan.
Cead Tacsaidh
Tha comhairliche eile air comataidh ceadachd Comhairle na Gàidhealtachd fhàgail an dèidh mar a chaidh leigeil le fear a dh'èignich boireannach òg an cead tacsaidh aige a chumail. Dh'aontaich mòr-chuid aig coinneimh de Chomataidh na Ceadachd air a' mhìos a dh'fhalbh gum faodadh cead tacsaidh ann an ainm David Brown leantainn air adhart. Chaidh Brown, a tha 50 bliadhna de dh'aois, a chur dhan phrìosan airson còrr air sia bliadhna airson tè aois 18 bliadhna èigneachadh anns an tacsaidh aige.
Tubaist-rathaid
Tha na Poilis a' lorg fiosrachaidh an dèidh tubaist-rathaid air an A832 eadar an Todhair agus Poll Lòchaidh an-raoir. Chaidh càr dubh Lexus a lorg ann an achadh mu mhìle an ear air an Todhair. Chaidh an dràibhear a tha 17 bliadhna de dh'aois a thoirt a dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain agus e air a dhroch leòn. Tha poilis airson cluinntinn o dhuine sam bith a chunnaic an Lexus ron tubaist.
Am Prionnsa Harry
Thuirt Lùchairt Bhuckingham nach bi am Prionnsa Harry a' fuireach ann an sin nuair a thadhaileas e air Lunnainn an t-seachdain seo. Tha seo a dh'aindeoin 's gun tuirt an sgioba aigesan gum biodh e a' fuireach ann. Thuirt feadhainn a tha faisg air an Teaghlach Rìoghail nach robh esan air freagairt fhoirmeil a thoirt dhan chuireadh a fhuair e ro dheireadh na seachdain seo chaidh 's mar sin chaidh innse dha thairis air an deireadh-sheachdain nach b' urrainn dha fuireach anns an lùchairt. Thuirt neach-labhairt dha gur e briseadh-dùil a bh' anns an naidheachd dha.