Geamaichean a' Cho-fhlaitheis beò air BBC ALBA

- Air fhoillseachadh
Bidh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air an craoladh beò air BBC ALBA gach feasgar nuair a thòisicheas iad ann an Glaschu nas fhaide den mhìos.
Gheibh luchd-amhairc cothrom farpaisean beò fhaicinn, a thuilleadh air geàrr-chunntasan bho na prìomh fheadhainn eadar an 23mh den Iuchar agus an 2na den Lùnastal.
Thèid a' Chuirm Fhosglaidh agus a' Chuirm Chrìochnachaidh a shealltainn cuideachd agus bidh prògraman rim faighinn air iPlayer a' BhBC.
'S e BBC ALBA an aon àite air a' BhBC far am faicear farpaisean Ghlaschu 2026 às dèidh dhan chompanaidh TNT Sports aonta a dhèanamh mar phrìomh chraoladair nan geamaichean san Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt am BBC san Dùbhlachd nach b' urrainn dhaibh an t-suim a chuir TNT air adhart a phàigheadh.
Bha am BBC air a bhith a' craoladh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis mar phrìomh chraoladair bho 1954.
'S e Derek 'Pluto' Moireach a bhios aig stiùir na sgioba aithris air BBC ALBA.

Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a' BhBC
A rèir Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach, 's e "cothrom eachdraidheil" a tha seo do BhBC ALBA.
"'S e urram a th' ann dhuinn a bhith a' taisbeanadh nan lùth-chleasaichean as fhèarr san t-saoghal, a bhios a' farpais ann am baile Ghlaschu," thuirt i.
"Dhuibhse nach urrainn a bhith an làthair, bheir sinne dath is dànachd an tachartais thugaibh ge bith càite a bheil sibh."
Tha Geamaichean 2026 a' dol air adhart ann an Glaschu às dèidh do sgìre Bhictoria ann an Astràilia tarraing a-mach ri linn chosgaisean a bha a' sìor èirigh.
Chaidh aonta a ruighinn is Riaghaltas na h-Alba air taic a chur ri plana airson an cumail ann an Glaschu agus ùghdarrasan stàite Bhictoria air gealltainn taic-airgid luach £2.2m a chur riutha.
'S e geamaichean nas lugha a bhios annta le lùth-chleasaichean a' farpais ann an deich seòrsaichean spòrs.
'S e 2014 an turas mu dheireadh a bha na geamaichean ann an Glaschu.

Geamaichean "dhan a h-uile duine"
Chuir Àrd-oifigear Glaschu 2026, Phil Batty OBE, fàilte air an naidheachd gum bi na geamaichean beò air BBC ALBA.
Thuirt e: "'S ann leis a h-uile daoine a tha na Geamaichean seo agus tha sin a' ciallachadh gum feum a h-uile coimhearsnachd an Alba cothrom fhaighinn an leantainn ann an dòigh a tha a' faireachdainn faisg orra."
"Tha craoladh beò sa Ghàidhlig a' riochdachadh a h-uile càil a tha sinn ag iarraidh bhon chom-pàirteachas seo - Geamaichean a tha dhan h-uile duine."
Thèid tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh mu na prògraman nas fhaisge air toiseach nan geamaichean.
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Gearran

- Air fhoillseachadh24 An Gearran
