Luchd-turais sìos an Uibhist a Deas le buaidh staing nan aiseagan

MV Lord of the Isles aig cidhe Loch Baghasdail
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an MV Lord of the Isles a ghluasad gu slighean Ìle airson mìos

  • Air fhoillseachadh

Tha gnothachasan turasachd ann an Uibhist a Deas ag ràdh gu bheil grunn luchd-turais air na cuairtean aca dhan eilean a chur dheth air sàilleibh nan trioblaidean le seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar.

Dh'fhoillsich CalMac air an t-seachdain seo chaidh nach biodh an còrr sheòlaidhean eadar Loch Baghasadail agus Malaig airson mìos, chun an 18mh là den Chèitean, le bàtaichean gan gluasad gu slighean eile.

Tha an soitheach as àbhaist a bhith air an t-slighe sin, an MV Lord of the Isles, air a gluasad gu seirbheisean Ìle, fhad 's a tha an Isle of Arran ga càradh.

Tha duilgheadasan mòra air a bhith aig CalMac anns na seachdainean mu dheireadh is sreath fada de bhàtaichean a-mach à seirbheis, is a' chompanaidh ag aideachadh gur dòcha nach robh cùisean riamh cho doirbh dhaibh.

Tha CalMac ag ràdh gu bheil cuisean a-niste a' cothromachadh le barrachd bhàtaichean a' tilleadh gu seirbheis.

A rèir Eardsaidh MhicIllIallain bho Uist Travel Accommodation Eta ann an Dalabrog ge-tà, is beag faochaidh a th' ann an sin do gnothachasan turasachd an Uibhist a Deas.

"'S àbhaist timcheall air 85% de dh'àitichean-fuirich a bhith làn sa Ghiblean agus sa Chèitean," thuirt e.

"Leis na tha de dhaoine air na tursan aca a chur dheth tha e sìos mu 17% air an ìre ris am biodh dùil."

Tha dragh air Mgr MacIllIallain gun dèan an suidheachadh cron air cliù Uibhist a Deas mar àite-tadhail san ùine fhada.

Seachnadh

"Chì thu na h-àireamhan airson daoine a' tarraing a-mach, ach 's e an cron air cliù an eilein nach fhaicear," thuirt e.

"Can gu bheil cuideigin na shuidhe ann an taigh ann an Siorrachd Àir ag ràdh ris fhèin 'bu mhath leam a dhol dha na h-Eileanan Siar, 's na h-eileanan air fad a dhèanamh'.

"An uair sin canaidh e 'uill thèid sinn a-steach a dh'Uibhist a Deas 's nì sinn turas là a Bharraigh, no thèid sinn air ais a dh'Uibhist a Deas', canaidh iad 'uill chan urrainn dhuinn an t-earrann sin a dhèanamh' agus 's dòcha gun seachain iad sinn gu tur - mar a tha air tachairt roimhe."

Thuirt àrd-oifigear ChalMac, Donnchadh Mackison, ged a tha astar ri dhol fhathast, gu bheil rudan nas fheàrr na bha iad, agus gu bheil iad an dòchas gun lean am piseach anns na làithean agus seachdainnean ri teachd.