Iomairt choimhearsnachd 'son seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a cheannach?

- Air fhoillseachadh
Nochd mu 60 duine aig coinneimh phoblaich an Inbhir Nis oidhche Mhàirt a bheachdachadh air mar a ghabhadh seann Àrd-Eaglais a' bhaile, Eaglais an Naomh Steafain, a cheannach leis a' choimhearsnachd.
Chuir Eaglais na h-Alba an togalach air a' mhargaidh o chionn dà bhliadhna gu leth, 's an coithional air a dhol còmhla ri fear eile sa Chrùn.
Bha iad air aontachadh a reic ri cuideigin nach deach ainmeachadh, ach chaidh innse san t-Samhain an-uiridh nach robh sin gus tachairt.
"Bha sinn airson beachd fhaighnn feuch co-dhiù bha taic ann airson oidhirp air choireigin air an eaglais a cheannach às leth na coimhearsnachd," thuirt an seann chomhairliche Thomas Pragg, a chuir a' choinneamh air dòigh.
"Bha sluagh math dha-rìribh ann.
"Bha siud gu math brosnachail, agus bha tòrr taice ann bho dhaoine eile nach b' urrainn a bhith an làthair cuideachd.
"Feumaidh sinn bruidhinn ri Eaglais na h-Alba.
Sgeulachd a' bhaile
"'S e pàirt cho cudromach 's a ghabhas a th' ann de dh'eachdraidh Inbhir Nis.
"Chan eil na tha sin de sheann togalaichean ann an Inbhir Nis a dh'innseas sgeulachd a' bhaile.
"An fheadhainn a th' ann, tha iad an ìre mhath ùr, leithid a' chaisteil agus Taigh a' Bhaile.
"Tha an togalach seo a' dol air ais chun nan làithean as tràithe de dh'Inbhir Nis a bhith cudromach.
"Tha sgeulachd air leth aige ri innse, agus cha bu chòir dhuinn leigeil leis a dhol a-mach à làmhan poblach," thuirt e.
Tha eaglais air a bhith air an làraich, air tom os cionn bruach na h-aibhne, bho stèidhich Calum Cille tè ann an 565AD.
'S e an togalach a th' ann an-diugh an togalach as sine sa bhaile, agus tha mòran eachdraidh ceangailte ris.
Tha dragh ann gum bi an togalach ann an droch staid mura tèid rudeigin a dhèanamh leis a dh'aithghearr.