Tairgsean a-staigh 'son Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a cheannach

Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Tha coltas ann gum faodadh an eaglais as sine an Inbhir Nis a bhith air a reic a dh'aithghearr, trì bliadhna an dèidh dhi a dhol air a' mhargaidh.

Thathar a' tuigsinn gu bheil co-dhiù ceithir tairgsean a-staigh airson an togalaich eachdraidheil a cheannach, an dèidh dhan phrìs a bhith air a h-ìsleachadh còrr air £50,000.

Tha a' bhuidheann Save Old High Inverness am measg na tha airson a cheannach is iad a' togail airgid feuch sin a dhèanamh.

"Tha sinn air tòiseachadh dìreach bho chionn ghoirid ach thug e ùine inbhe charthannais fhaighinn," thuirt Chris Lewcock bhon bhuidhinn.

"Tha sinn air cnap mòr airgid fhaighinn is tha sinn a' bruidhinn ri buidhnean maoineachaidh feuch taic fhaighinn cho luath 's a ghabhas."

Fo-thiotal,

Às bith dè thachras, tha an comhairliche ionadail Mìcheal Gregson an dòchas gum faigh a' choimhearsnachd buannachd às an togalach fhathast.

"Tha mi an dòchas gum bi cleachdadh ùr a bhios gu math feumail do choimhearsnachd Inbhir Nis.

"Cafaidh? Ionad cruthachail no eachdraidheil?

"Tha luach ann fhathast," thuirt e.

Tha pàirtean den togalach a' dol air ais dhan 14mh Linn, ach tha eaglais air a bhith air an làraich bho stèidhich Calum Cille fhèin tè ann ann an 565AD.

Sguir an coithional ga chleachdadh ann an 2022, 's chuir Eaglais na h-Alba air a' mhargaidh i.