Uisge Spè "gun fhianais air truailleadh"

- Air fhoillseachadh
Thuirt Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA) gun do chuir iad crìoch air rannsachadh mu mar a chaidh mòran èisg a lorg marbh ann an Uisge Spè.
Thuirt oifigich nach eil fianais ann gur e truailladh a bu choireach.
Tha iad den bheachd gur e cion ocsaidean san uisge, a bh' air adhbharachadh le gainneid uisge agus teas, a bu choireach.
Thuirt SEPA gu bheil iad a' tuigsinn gun do dh' adhbharraich an tachartas dragh anns an sgìre, agus gun cùm iad sùil air an abhainn mar phàirt den obair aca.