Tha draibhear tagsaidh a rinn èigneachadh air cur bhuaithe na ceadan aige

Chaidh Daibhidh Brown a chur dhan phrìosan sa Chèitean airson boireannach òg èigneachadh
- Air fhoillseachadh
Tha èigniche air an dà chead-tagsaidh aige a chur bhuaithe an dèidh mar a chaidh leigeil leis an cumail nuair a chaidh e dhan phrìosan airson tè òg a bha e a' toirt dhachaigh èigneachadh.
Chaidh Daibhidh Brown, 50, à Crothaidh, a chur dhan phrìosan airson sia bliadhna agus naoi mìosan sa Chèitean airson na h-ionnsaigh air a' bhoireannach, 18, san Dùbhlachd 2023.
San Ògmhios, bhot comataidh ceadachd na Gàidhealtachd ann an dìomhaireachd gun na ceudan-tagsaidh aige a thoirt bhuaithe an dèidh iarrtas bho a theaghlach, ach chaidh an co-dhùnadh a chàineadh le cathrannasan a tha a' dèiligeadh ri buaidh èigneachaidh.
Leig ceathrar chomhairlichean air a' chomatadh dhiubh an dreuchdan agus chaidh còigeamh ball a chasg rè ùine bhon phàrtaidh aca, an SNP.
Bha còir aig coinneamh shònraichte a bhith ann Dimàirt mun chùis mus do chuir Brown bhuaithe na ceadan-tagsaidh aige.
Thuirt neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Loban, gum biodh comhairlichean air "an co-dhùnadh ceart a dhèanamh stèidhichte air an fhiosrachadh air am beulaibh" nan robh a' choinneamh air a dhol air adhart.
Thuirt e: "Dhomhsa dheth, an dèidh dhomh beachdachadh air na pàipearan a fhuair sinn airson na coinneimh sònraiche a bha gu bhith ann a-màireach, tha e cha mhòr do-dhèanta dhomh tuigsinn carson a rinn a' chomataidh cheadachd a' chiad cho-dhùnadh."
Tha dùil gun tèid a' choinneamh a chumail Dimàirt airson deasbad mu obair na comataidh.
Dh'èignich draibhear tagsaidh deugaire mus do dh'fhàg e i a-muigh an sìde reòta
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean
Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar
Chuala a' chùis-lagha an aghaidh Brown gun tug e còmhdhail dhan bhoireannach an dèidh dhi a bhith air oidhche a-muigh an Inbhir Nis agus i airson a dhol air ais dhan bhaile aice san Dùbhlachd 2023.
Chaidh Brown seachad air a dachaigh agus stad e aig oir an rathaid eadar Srath Pheofhair agus Inbhir Pheofharain far an tug e ionnsaigh fheiseil oirre. Dh'fhàg e an uairsin ann an Inbhir Pheofharain i.
Thuirt am Morair Renucci gun do dh'fhàg Brown i ann an Inbhir Pheofharain an uairean beagan na maidne ged a bha e cho fuar ri -4C.
Bha truas aig neach-obrach Tesco a chunnaic an deugaire agus dh'fhosgail iad a' bhùth gus am faigheadh i a-mach às an fhuachd.
A' toirt binn air aig an Àrd-Chùirt ann an Sruighlea sa Chèitean, thuirt am britheamh am Morair Renucci ri Brown gun tug e ionnsaigh eagalach air an deugaire.
Bha Brown air a dhol às àicheadh nan casaidean.
San Ògmhios, bhòt sianar chomhairlichean fireann air comataidh ceadachd Comhairle na Gàidhealtachd airson leigeil le Brown na ceadan aige airson gnothachas tagsaidh a ruith a chumail.
Bhòt ceathrar bhall boireann an aghaidh an iarrtais. Bha Poileas Alba cuideachd airson agus gun rachadh cead a dhiùltadh.
Chaidh casg rè ùine air cead draibhear-tagsaidh Bhrown - a bha a' leigeil leis draibheadh - san Fhaoilleach 2024 nuair a chaidh na eucoirean aige am follais.
Bha cead eile aige airson an carbad aige a bhith air a chleachdadh mar thagsaidh.
Air a' mhìos a chaidh, thàinig e am bàrr gun robh Brown am beachd ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh a dhìtidh agus na binne a fhuair e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An t-Iuchar
