Naidheachdan 11:00m
Bàs amharasach
Tha fear aois 35 an grèim aig na poilis co-cheangailte ri bàs nighinn aois naoi bliadhna ann an Obar Bhrothaig. Bha na poilis air an gairm gu raon gnìomhachais Elliot, ann an Obar Bhrothaig, goirid ro mheadhan-oidhche a-raoir. Fhuaireadh an sin nighean aois naoi bliadhna a bha air a droch ghoirteachadh. Bhàsaich i an uairsin anns an ospadal ann an Dùn Dè. Thuirt na poilis gun robh iad amharasach mun chùis, agus gun robhas a' cumail taic ri teaghlach na h-ighne fhad 's a bha an rannsachadh aca a' leantainn.
Caolas Hormuz
Tha Iran air a dhol às àicheadh gum bi còmhraidhean a' tòiseachadh às ùr mu Chaolas Hormuz eadar iad fhèin agus na Stàitean Aonaichte an-diugh a dh'aindheoin gur e sin a thuirt an Ceann-suidhe Trump a-raoir. Bha Mgr Trump air innse gun robh e air cur dheth phlanaichean a bha gan ullachadh airson ionnsaigh mhòir air Iran, seach gun robh cothrom ann aonta às ùr a dhèanamh 's dòcha. Bha sin às dèidh dha leithid cheannard Saudi Aràibia, Mohammed bin Salman, a dhol an sàs anns a' chùis. Tha conaltradh air a bhith a' dol eadar Iran agus na Stàitean Aonaichte bho chionn ghoirid a' cleachdadh eadar-mheadhanairean.
FIFA
Tha comann ball-coise Shasainn, an FA, air innse gu bheil iad an dùil an taic a tharraing bho cheannard FIFA, Gianni Infantino, agus esan an dòchas a bhith air a thaghadh às ùr dhan dhreuchd a tha sin. Bha comann na Cuimrigh mu thràth air leigeil fhaicinn nach biodh an taic acasan aig Mgr Infantino, ri linn nam planaichean a nochd e bho chionn ghoirid cuibhreann de Chupa na Cruinne, agus farpaisean mòra eile le FIFA, a reic ri companaidhean prìobhaideach. Chaidh cur às dhan phlana às dèidh dha buidheann riaghlaidh a' bhuill-choise san Roinn Eòrpa, UEFA, agus comainn eadar-nàiseanta eile a dhol nan aghaidh.
Ionnsaigh air motar-baidhsagalan
Tha fear aois 63 anns an ospadal agus e air a dhroch ghoirteachadh às dèidh mar a thugadh ionnsaigh air buidheann dhaoine a bh' air motar-baidhsagalan air an M74 an-dè. Thuirt na poilis gun robh buidheann dhaoine ann an ceithir càraichean air ionnsaigh a thoirt orra agus iad an dùil gur ann ag amas orra gu sònraichte a bha iad. Thachair seo faisg air Lesmahagow, ann an Siorrachd Lannraig a Deas. Chaidh lorg fhaighinn air aon chàr, Mazda dearg, a bha fo amharas a bhith air a chleachdadh anns an ionnsaigh, ann an Siorrachd Àir às dèidh làimh. Tha rannsachadh nam poileas a' leantainn.
An Guga
Thèid co-dhùnadh a dhèanamh feasgar an-diugh air am bi cead aig muinntir Nis ann an Leòdhas a bhith a' sireadh a' ghuga ann an Sùlasgeir am-bliadhna. Mhol oifigich aig a' bhuidhinn riaghaltais NàdarAlba an t-seachdain seo chaidh nach biodh cead air a thoirt seachad ri linn na buaidh a dh'fhaodadha a bhith aig sealg air àireamh nan sulairean sna bliadhnaichean ri teachd. Bidh an co-dhùnadh air a dhèanamh le bòrd NàdarAlba feasgar.
Ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich an Alba
Dhearbh Katy Clark, tè de bhuill-phàrlamaid Albannach nan Làbarach, nach bi i a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh. Bha aithrisean ann gun robh i a' beachdachadh air am bu chòir dhi feuchainn airson an dreuchd aig Anas Sarwar, ach thuirt i gun robh i air roghnachadh gun sin a dhèanamh. Tha am pròiseas oifigeil airson ceannard ùr a thaghadh a' tòiseachadh an-diugh.