
'S e an Loch Seaforth an tè as motha agus as ùire am measg bhàtaichean mòra ChalMac
Tha an soitheach as motha a th' aig CalMac a' seòladh a-rithist air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul an dèidh trioblaid theicnigeach a dh'fhàg na tàmh i fad dà latha.
Tha an MV Loch Seaforth air a bhith a-mach à seirbheis bho fheasgar Dhiluain an dèidh mar a nochd trioblaid le siostam-smachd an einnsein aice 's i a' dèanamh air Ulapul.
Thuirt a' chompanaidh stàite Diciadain gun deach gu math le na deuchainnean mara agus sheòl i às Ulapul aig 5.30f.
Bha a' chompanaidh aiseig air seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus na Hearadh ach tha dìth bhàtaichean sa chabhlach aca a' ciallachadh nach eil cus sùbailteachd san lìonra.
Tha trì bàtaichean mòra aig CalMac - an Caledonian Isles, an Hebridean Isles agus an Clansman - uile a-mach à seirbheis ri linn dàil air na seirbheisean bliadhnail aca.
Thuirt CalMac gu robh eòlaichean ag obair fad ceithir uairean fichead airson an Loch Seaforth a chàradh.
Thuirt an t-Àrd-oifgear, Robbie Druimeanach, gur e rudeigin a chaidh cheàrr le innealachd siostam propeilear an t-soithich a bu choireach gun do bhris i sìos.
"Chuir sinn pàirtean ùra ann agus rinn sinn deuchainnean orra sin aig muir, agus dhearbh sin gun do shoirbhich leis an obair-càraidh," thuirt e.
"Cion-earbsa"
Thabhainn Calmac leisgeul airson na buaidhe a thug an suidheachadh air luchd-siubhail.
Tha muinntir nan eilean air draghan a nochdadh mun bhuaidh a th' aig an troimh-chèile ann an lìonra ChalMac air gnìomhachasan mar thurasachd agus air am beatha làitheil.
Tha fear de bhuill Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh gun dèan iad deasbad mu bhòt cion-earbsa ann an Còmhdhail Alba.
Tha BPA Nàiseantach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air a ràdh gur e "cùis-nàire" a tha ann an suidheachadh nan aiseagan, ach chaidh e às àicheadh nach robh e a' riochdachadh dhraghan eileanach.
Tha Ministear na Còmhdhail, Caomhainn Stiùbhairt BPA air gabhail ris gun tug an suidheachad fìor dhroch bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach, ach rinn e dìon air poileasaidhean aiseagan Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt e gun do chosg iad £2b air seirbheisean aiseig bho 2007 agus gu bheil iad an dùil suas ri £700m a chosg thairis air còig bliadhna airson bunstructar nan aiseagan a leasachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2023

- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2023
