Plana ChalMac 'son seirbheisean Bharraigh is a' Chuain Sgìth a thilleadh

An MV Isle of Islay
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an MV Isle of Islay a' gluasad a Bharraigh mar phàirt den phlana eadar-amail aca

  • Air fhoillseachadh

Tha CalMac air clàran-ama eadar-amail fhoillseachadh airson dèiligeadh ri "suidheachadh 's dòcha cho duilich 's a bh' againn riamh".

Bidh am plana ùr aca a' ciallachadh gum faigh Barraigh seirbheis chinnteach às ùr agus gum bi na seirbheisean eadar Ùige, Loch nam Madadh agus An Tairbeart air ais dhan àbhaist.

Dh'innis a' chompanaidh Dimàirt gu bheil cha mhòr an treas cuid den chabhlach aca a-mach à seirbheis.

Bha sia bàtaichean mòra agus ceithir den fheadhainn bheaga agus iad an dàrna cuid briste neo a' faighinn an seirbheis bhliadhnail.

Dhearbh CalMac feasgar Diciadain gun robh trioblaid theicnigeach le còigeamh bàta beag - an MV Loch Alainn - air Caolas Bharraigh agus gun deach seirbheisean a chur dheth.

Tha i bhon uairsin air tilleadh gu seirbheis.

Tha dhà de na soithichean mòra air ais ann an seirbheis.

Bidh am bàta as ùire sa chabhlach, an MV Isle of Islay, air a ghluasad bho shlighe Ìle a Bharraigh Diardaoin. Bidh an MV Alfred a' frithealadh Ìle còmhla ris an MV Finlaggan.

Thill an MV Glen Sannox gu slighe Eilean Arainn feasgar Diciadain.

Bha luchd-gnothachais an Uibhist a Deas ag iarraidh air CalMac an MV Alfred a thoirt dhan eilean ach tha a' chompanaidh ag ràdh nach urrainn dhaibh seirbheis dhìreach a thilleadh dhaibh aig an ìre seo.

Thuirt iad gun dèanadh iad cinnteach gum bi prìomhachas aig clàr-ama Loch nam Madadh airson agus gum bi ceangal le Uibhist a Deas le tìr-mòr.

Thuirt Àrd-oifigear ChalMac, Donnchadh Mackison: "Sna làithean ri thighinn 's e an t-amas againn dèanamh cinnteach cho fada agus 's urrainn dhuinn gu bheil seirbheis aig gach coimhearsnachd.

"Tha sinn a' dèanamh ar dìchill piseach a thoirt air seirbheisean."

Bidh na clàran-ama eadar-amail aig CalMac an sàs bho Dhiardaoin an 9mh den Ghiblean gu Dihaoine an 17mh den Ghiblean

'S iad na soithichean a leanas a tha fhathast a-mach à seirbheis:

  • An MV Lord of the Isles - bha còir aice tilleadh gu seirbheis ach chaidh mothachadh do thrioblaid leis a' phrìomh einnsean. Thèid seo a sgrùdadh air Chluaidh, agus cha bhi dearbhadh air cuin a bhios i air ais gus an tòisich an obair-chàraidh. Faodaidh gun toir seo seo suas ri seachdain.

  • An MV Isle of Arran - tha obair-chàraidh air a bhith a' dol oirre airson cola-deug cha mhòr. Tha duilgheadas air a bhith ann couplings ùra airson a' bhow thruster aice fhaighinn air sgath a h-aois.

  • An MV Isle of Lewis - bha còir aig seirbheis bhliadhnail an t-soithich a bhith ullamh bho chionn còrr is mìos agus gum biodh i air ais ann an seirbheis air an 4mh den Mhàrt. Leis gum feumar obair stàilinn a bhith ann chan eil dùil gum bi i air ais slighe Bharraigh gu deireadh a' Chèitein.

  • An MV Hebrides - tha càradh bliadhnail a' dol air adhart agus tha dùil gum bi i air ais air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh agus An Tairbeart air an 18mh den Ghiblean.

Na bàtaichean beaga

  • An MV Loch Bhrusda - tha trioblaid leis a' phrìomh einnsean aice agus thèid i a Mhalaig airson sin a chàradh. Tha dùil gum bi an obair sin deiseil air an 11mh den Ghiblean agus gun till an soitheach an latha ud neo air an ath là. Tha CalMac ag ràdh gum bi soitheach aca a bheir luchd-siubhail thar Chaolas na Hearadh bho 13:10f Diciadain, ach nach d' fhuair iad air bàta fhaighinn a ghiùlaineas carbadan.

  • An MV Loch Linnhe - tha ola ag aoidion agus thèid obair-chàraidh a dhèanamh aig gàrradh an Eilean Bhòid. Tha dùil gun toir sin mu 48 uairean de thìd agus gum faod am bàta a dhol air ais gu seirbheis an dèidh sin.

  • An MV Loch Portain - tha i a' faighinn na seirbheis bliadhnail aice agus chan eil dùil rithe air ais ann an seirbheis gu an 12mh den Chèitean.

  • An MV Loch Frisa - tha an càradh bliadhnail oirre deiseil ach chan eil dùil aice air ais air an t-seirbheis eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair gu an 13mh den Ghiblean agus i feumach air obair agus deuchainnean a bharrachd ris an robh dùil.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu chlàran-ama an seo, taobh a-muigh.