Trioblaid an Loch Seaforth: "Tha buaidh gus a bhith aige air an sgìre"

Loch Seaforth
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh ga thogail mun bhuaidh a bhios ann is aon taobh de dheic mezzanine an Loch Seaforth gu bhith dùinte fad an t-samhraidh.

Nochd trioblaid leis an deic an toiseach aig àm na Càisge.

Dhearbh CalMac Diciadain gun robh aca ris an deic a thoirt a-mach à seirbheis.

Thuirt iad gu bheil nàdar na h-obrach a' ciallachadh nach eil e comasach obair-càraidh a dhèanamh an-dràsta, is mar sin gum feum iad an deic a dhùnadh fad an t-samhraidh.

Thuirt iad gun tèid an trioblaid a chur ceart nuair a thèid an Loch Seaforth dhan doc airson seirbheis bliadhnail.

Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thuirt CalMac gu bheil seo a' ciallachadh nach bi e comasach dhan Loch Seaforth na h-uimhir de charbadan a ghiùlain.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar gun toir seo droch bhuaidh air còmhdhail na sgìre anns na mìosan ri tighinn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Ùisdean Robasdan

Thuirt Ùisdean Robasdan gu bheil e a' tuigsinn gun robh CalMac an dòchas an toiseach obair-càraidh a dhèanamh aig a' phort fhèin ach nach robh sin comasach air a' cheann thall.

"An duilgheadas a bh' aca, nan cuireadh iad an Seaforth dhan doc an-dràsta tha i gus a bhith a' falbh ùine is tha fhios againn uile na duilgheadasan a th' anns an lìonra.

"'S e gnothach doirbh a bh' ann dhaibh".

Tha an comh Robasdan ag ràdh gu bheilear a' tuigsinn gun tèid 13 àitichean do charbadan a chall ri linn seo.

"Thairis grunn sheòlaidhean san t-seachdain tha sin a' cunntais suas gu àireimh gu math àrd.

"Tha buaidh gus a bhith aige air an sgìre fhèin, tha sin gu math cinnteach", thuirt e.