Obair-càraidh air an togalach as àirde an Inbhir Nis gus tòiseachadh

Eaglais liath bho thaobh thall aibhne, le stìoball àrd le lìontan timcheall air a mhullach airson stad a chur air stuth a bhith a' tuiteam bhuaithe
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh luchd-obrach speisealta a' càradh an stìobaill leis a' chloich a bh' ann bho thùs agus a' cur coilleach-gaoithe ùr air a' mhullach

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhleatachd air cead a thoirt do phròiseact Eaglais Shaor a Tuath ann an Inbhir Nis a chàradh.

Thàinig an coileach-gaoithe meirgeach aig mullach an stìobaill a-nuas nuair a bhuail Stoirm Floris san Lùnastal an-uiridh, agus rinn e milleadh luach £100,000 air an togalach.

'S e an stìoball am fear as àirde sa bhaile aig còrr air 50 meatair agus 's e an eaglais fhèin an tè as motha le suidheachain gu leòr do 1,400 luchd-adhraidh.

Bha sgàineadh sa mhoirtear san stìoball cuideachd agus b' fheudar cùmhnantairean fhastadh airson an trì meatairean as àirde dheth a thoirt air falbh air adhbharan sàbhailteachd.

A-nis, tha dòchas gum faod luchd-obrach eòlach tòiseachadh air mullach an stìobaill ath-thogail a' cleachdadh na cloiche a bh' ann bho thùs agus a' cur coileach-gaoithe ùr air.

Tha am pròiseact air maoineachadh fhaighinn bho Urras Dualchais Baile Inbhir Nis agus Urras Nàiseanta nan Eaglaisean.

Chaidh an eaglais Ghotach a tha clàraichte mar thogalach liosta B a dhealbh leis an ailtire ionadail an Dr Alexander Ross agus chaidh a chrìochnachadh ann an 1893.