Eil cunnart an cois susbaint shòisealta mu shreap nam beann?

Somhairle MacIain
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Somhairle MacIain a' cruthachadh susbaint mu chur-seachadan air a' bhlàr-a-muigh airson nam meadhanan sòisealta

LeEilidh Chandler
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

An d' fhuair thu brosnachadh a-riamh a bhith a' dol a shreap nam beann às dèidh dhut susbaint fhaicinn air na meadhanan sòisealta?

Tha coltas gu bheil òigridh a' dèanamh air na beanntan nas trice na b' àbhaist agus ùidh ann an cur-seachadan air a' bhlàr-a-muigh a' fàs nam measg.

Aig an dearbh àm, tha rabhadh ann gu bheil luchd-teasairginn nam beann gan gairm a-mach nas trice, agus ceist ann mu cho ullaichte 's a tha cuid de dhaoine air a shon.

Thàinig dùblachadh an-uiridh air an àireamh dhaoine òga air an robh cobhair a dhìth an Alba, an coimeas ri 2024.

Tha beachd ann gur e mar a tha cur-seachadan air a' bhlàr-a-muigh gam brosnachadh air na meadhanan sòisealta a tha - gu ìre co-dhiù - air cùlaibh an àrdachaidh.

"Tha mi fhèin air faicinn tòrr air na meadhanan sòisealta. Tha fàs susbainteach air a thighinn - gu h-àraidh às dèidh Chovid," thuirt Ross Christie bho Sgioba Teasairginn Bheanntan an Òbain.

"Tha ùidh mhòr aig daoine a bhith a' dol a-mach dha na beanntan 's a bhith a-muigh air an dùthaich às dèidh dhaibh a bhith glaste a-steach airson cho fada.

"Gu h-àraid daoine a tha a' faireachdainn gun do chaill iad a-mach anns an ùine sin, agus sin na daoine as òige mar as àbhaist."

Somhairle MacIain a' bruidhinn ri Eilidh Chandler
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Somhairle gur dòcha nach eil e daonnan a' tuigsinn nach eil an t-eòlas a th' aige fhèin air a' bhlàr-a-muigh aig càch

Bidh an fheadhainn a bhios a' cruthachadh susbaint air na meadhanan sòisealta tric a' moladh sreap - ach dè cho mothachail 's a tha iad air a' bhuaidh a th' aca?

"Is toil leamsa a bhith gam chlàradh fhad 's a tha mi a-muigh, agus an uair sin ga chur air-loidhne gus sealltainn gu daoine dìreach cho math 's a tha e a bhith a-muigh, agus cho math 's a tha Alba," thuirt an cruthadair susbaint Gàidhealach Somhairle MacIain.

Tha Somhairle mothachail gu bheil barrachd dhaoine òga a-nise a' dol a-mach air a' bhlàr a-muigh.

Bidh e fhèin a' feuchainn na shusbaint a bhith a' sealltainn cho cudromach 's a tha e a bhith ullaichte.

"Tha mi a' smaointinn nach eil eòlas gu leòr aig daoine air ciamar a thèid iad air a' bhlàr-a-muigh, agus dhomhsa tha na t-eòlas sin agam, agus 's dòcha nach eil mi cho tric a' tuigsinn nach eil an t-eòlas sin aig daoine eile.

"Shuas anns na beanntan, 's dòcha nach tuig daoine gu bheil an aimsir a' dol a dh'atharrachadh, agus gum feum iad tòrr a bharrachd ìrean aodaich a thoirt còmhla riutha."

Ross Christie
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ross Christie ag ràdh gur e rud math a th' ann, san fharsainneachd, gu bheil barrachd òigridh a' dèanamh air a' blàr-a-muigh

Chaidh sgiobannan teasairginn na h-Alba a ghairm a-mach còrr is 900 turas an-uiridh.

Bidh Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh a' cur seachad 3,000 uair de thìde gach bliadhna a' dèanamh cobhair air daoine sna beanntan.

"Cha chreid mi gum faca sinn na h-àireamhan mòra de dhaoine òga a tha a' cur feum air cobhair ann an sgìrean eile, leithid shìos air na Trì Mullaichean - ceann a tuath na Cuimrigh, an Lake District agus shìos mu Loch Abar agus Gleann Comhann," thuirt ceannard na sgioba, Iain Cornfoot.

"Chunnaic sinn ge-tà, atharrachadh beag anns an t-seòrsa dhaoine a tha a' cur feum air cobhair - barrachd dhaoine òga, ach cuideachd daoine nach eil air ullachadh cho math.

"Gu h-àraid nuair a dh'atharraicheas an seusan. Tha iad fhathast a' smaointinn air an t-samhradh nuair a thig sinn chun an fhoghair 's chun a' gheamhraidh."

Iain Cornfoot
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dàimh eadar na thèid bhìorasach air na meadhanan sòisealta 's na bhios de dhaoine a' dèanamh air àitichean sònraichte, a rèir Iain Cornfoot

Thuirt Mgr Cornfoot gu bheil coltas ann gun toir na meadhanan sòisealta buaidh air daoine a bhith a' roghnachadh a dhol gu sgìrean sònraichte.

"Tha coltas ann, ma thèid rudeigin caran bhìorasach air na meadhanan sòisealta gum bi daoine air an tàladh dhan àite sin.

"'S àbhaist trioblaidean a bhith againn nuair a dh'atharraicheas an aimsir o là gu là."

Air an làimh eile ge-tà, nach e deagh rud a th' ann gu bheil daoine gam brosnachadh a dhol a-mach?

"Daoine a' sealltainn dhut 'o, seo agaibh trì diofar bheanntan a ghabhas a dhèanamh taobh a-staigh là, a' cleachdadh còmhdhail phoblaich à Glaschu' - tha sin fìor mhath," thuirt Ross Cristie.

"Ged a rachadh 100 dhiubh a-mach taobh a-staigh bliadhna 's dòcha gum feumadh dithis no triùir aca taic bhon sgioba teasairginn.

"'S e deagh chomharra a th' ann uile gu lèir gu bheil an ceud duine òg sin air a dhol a-mach dha na beanntan."

'S e a' chomhairle, ma-thà, gun a bhith a' seachnadh chur-seachadan air a' bhlàr a-muigh, ach a bhith ciallach agus a bhith ullaichte ro làimh.

Agus - mar as àbhaist - gun a bhith a' gabhail ri gach nì a chithear air-loidhne.