Cìs-chomhairle air dàrna dachannan ga dùblachadh sna h-Eileanan Siar

- Air fhoillseachadh
Thèid dùblachadh a thoirt air a’ chìs-chomhairle air dàrna dachannan anns na h-Eileanan an Iar.
Ghabh comhairlichean ris an ardachadh, a thèid a chur an sàs sa Ghiblean, agus iad ag ràdh gun toir seo mu £800,000 a bharrachd dhaibh.
Cìs-chomhairle air dàrna dachannan ga dùblachadh sna h-Eileanan Siar
Tha cead air a bhith aig ùghdarrasan ionadail cìs a bharrachd a chur air dàrna dachannan 's taighean falamh bho 2013.
Aig an àm sin, cha robh aig daoine ach ri 90% den chìs-chomhairle a bhiodh air prìomh dhachaigh a phàigheadh air dàrna dachaigh sna h-Eileanan.
Chaidh sin àrdachadh gu 100% ann an 2018.
Bhon Ghiblean am-bliadhna ge-tà, pàigheadh 200% den chìs.
Thathas an dùil gun cuidich seo daoine òga a tha a' strì gus dachaigh fhaighinn san sgìre le bhith a' saoradh thaighean nach eil rim faighinn mar phrìomh dhachannan dhaoine.
Bheir an t-àrdachadh cuideachd buaidh ge-tà, air eileanaich a tha a' fuireach air tìr-mòr ach a tha a' cumail dachaigh teaghlaich san sgìre dham buin iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2024
