Moladh do Chomhairle nan Eilean Siar cur an aghaidh Spiorad na Mara

- Air fhoillseachadh
Tha aithisg a thèid air beulaibh Comhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain a' moladh gun cuir an t-ùghdarras ionadail an aghaidh leasachadh connspaideach Spiorad na Mara far chosta siar Eilean Leòdhais.
Coinnichidh Bòrd Dealbhachaidh na Comhairle Diciadain seo tighinn is iad gus beachdachadh air freagairt an ùghdarrais do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air na planaichean aig Northland Power.
'S iad Riaghaltas na h-Alba a nì co-dhùnadh air an iarrtas-dealbhachaidh airson an tuath-gaoithe fhèin, ged a tha iarrtas fa leth a thaobh na h-obrach air tìr a bhiodh na chois gu bhith ann an làmhan Comhairle nan Eilean Siar fhèin.
Rùp ScotWind air £700m a thogail
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2022
Co-chomhairle mu thuath-ghaoithe Spiorad na Mara air tòiseachadh
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain 2024
Eòrpa: Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh28 An Gearran 2024
Fhuair Northland còraichean leasachaidh an iar air Leòdhas ann an rùp ScotWind aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2022.
'S e N4 a tha air an làraich a tha san amharc.
Tha a' chompanaidh a' sùileachadh eadar 44 crann cho àrd ri 338.4m, no 60 crann cho àrd ri 293.8m a thogail san leasachadh air a bheil iad a' gabhail Spiorad na Mara.
Bhiodh an crann as fhaisge co-dhiù sia cilemeatair air falbh bhon chosta, ged a tha an t-iarrtas-dealbhachaidh, taobh a-muigh ag aideachadh gum bidh buaidh mhòr aig an leasachadh air an t-sealladh aig coimhearsnachdan air taobh siar Leòdhais.
Tha Northland an dùil gum biodh e comasach dhan leasachadh 900MW de dhealan a chruthachadh agus cumhachd a chumail ri 1.2 millean dachaigh.
Tha iad a' gealltainn buannachdan mòra dhan choimhearsnachd tro bheatha a' phròiseict - co-dhiù 35 bliadhna.

Ach tha na planaichean air a bhith connspaideach bho thùs is dragh air mòran sa choimhearsnachd mu mheud an leasachaidh, is mun bhuaidh a bheireadh e air an sgìre is air coltas an àite air a' cheann thall.
Tha oifigich Comhairle nan Eilean Siar a-nise air draghan mòra a thogail mu na planaichean agus mun Aithisg Measadh Buaidh Àrainneachdail, taobh a-muigh (EIA) a tha an cois an iarrtais-dealbhachaidh.
San aithisg, taobh a-muigh aca, tha oifigich ag ràdh gum faodadh làrach an leasachaidh droch bhuaidh a thoirt air iasgach, turasachd, is sàbhailteachd bhàtaichean.
Tha iad ag ràdh gum biodh a' bhuaidh air coltas an àite aig muir is tìr is air dualchas cho mòr is nach bu chòir gabhail ris an làraich.
Tha na h-oifigich cuideachd a' cumail a-mach gu bheil laigsean mòra san aithisg EIA a thaobh mar a chaidh measadh a dhèanamh air buaidh nam planaichean air grunn roinnean.
Spiorad na Mara: Iarrtas cead-dealbhachaidh 'son bun-structair air tìr
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Cead-dealbhachaidh ga iarraidh airson Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt
Beachdan làidir mu 'Spiorad na Mara'
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2025
A thuilleadh air sin, tha iad ag ràdh gun gabhadh targaidean uaine Riaghaltas na h-Alba a choileanadh fiù 's ged nach rachadh na planaichean seo air adhart.
Tha aithisg nan oifigeach a' moladh do Chomhairle nan Eilean Siar:
draghan mòra a thogail mun aithisg EIA a thaobh mar a chaidh measadh a dhèanamh air buaidh àrainneachdail a' phròiseict, is gu seachd àraid air coltas traidiseanta an àite, an fhuaim a bhiodh ann, is air beatha shòisealta is eaconomach na sgìre, a' toirt a-steach iasgach
cur an aghaidh an iarrtais gu lèir, a thaobh na buaidh a bheireadh meud an leasachaidh is far am biodh e air coltas an àite, is gu bheil an droch bhuaidh nas motha na buannachdan sam bith a thaobh cumhachd ath-nuadhachail agus atharrachadh na gnàth-shìde
co-dhùnadh gum biodh an droch bhuaidh cho mòr is nach biodh an leasachadh a rèir Achd an Dealain 1989, a tha a' toirt air Ministearan na h-Alba beachdachadh air bòidhchead nàdarra is làraichean eachdraidheil a dhìon
Tha aonta aig Northland Power le SSEN airson ceangal ris a' ghriod nàiseanta tron hub ùr a bhiodh ann an Àranais is càball gu tìr-mòr.
Rinn iad tagradh oifigeil nas tràithe air a' mhìos do Chomhairle nan Eilean Siar airson cead-dealbhachaidh airson bun-structair air tìr mar phàirt den leasachadh.
Tha iad an dùil gun toireadh obair-togail còig bliadhna is gun cuireadh iad dealan às an leasachadh dhan ghriod tràth anns na 2030an
"Fòcas"
Ann am brath thuirt Northland Power gu bheil iad mothachail air aithisg nan oifigeach.
"Cha bhiodh e iomchaidh dhuinn beachd a thoirt air na tha anns an aithisg mus faigh comhairlichean cothrom meòrachadh air agus co-dhùnadh a ruighinn tron phròiseas phlanaidh fhoirmeil aig a' Chomhairle," thuirt iad.
"Tha urram againn dha àite na Comhairle agus nam ball sa phròiseas agus beachdachaidh sinn air beachdan no co-dhùnaidhean sam bith a thig às a' choinneimh nuair a tha e seachad.
"Tha am fòcas againn fhathast air pròiseact a chur air adhart a tha a' cur taic ris a' ghluasad gu cumhachd uaine fhad 's a tha e aig an dearbh àm a' toirt bhuannachdan do dh'Eilean Leòdhais agus an sgìre nas fharsainge.
"Bidh sinn a' leantainn oirnn a' conaltradh ri coimhearsnachdan ionadail, feadhainn eile air a bheil seo a' toirt buaidh, agus feadhainn a nì co-dhùnaidhean fhad 's a tha am pròiseas planaidh a' dol air adhart."