Clach-mhìle chudromach ann an leasachadh Cala Stafainn

Daoine cruinn aig Cala Stafainn a' comharrachadh gu bheil a' chiad teanant aca aig prìomh thogalach na làraichTùs an deilbh, Urras an Taobh Sear
Fo-thiotal an deilbh,

Manadsair a' chala Lachaidh MacGill'Ìosa a' toirt seachad iuchair a' phrìomh thogalaich do dh'Andi Dunkel bho Chorran Coffee

  • Air fhoillseachadh

Tha an obair coimhearsnachd gus Cala Stafainn a leasachadh air clach-mhìle chudromach eile a ruighinn an dèidh mar a chaidh am prìomh thogalach fhosgladh.

'S e a' chiad teanant a' chompanaidh ionadail Corran Coffee aig am bi cùmhnant fad còig bliadhna café a ruith far am bi cuideachd taighean-beaga poblach agus frasairean.

'S e an goireas as ùire aig a' phort a chaidh fo shealbh Urras an Taobh Sear bho chionn dà bhliadhna.

Tha grunn ghnothachasan eile a-nis stèidhichte air an làraich an dèidh mar a chaidh seachd seadaichean-obrach a thogail an-uiridh - sauna, tursan-mara agus cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh sa Ghàidhlig nam measg.

Andi Dunkel agus Paul Milne aig a bheil Corran CoffeeTùs an deilbh, Urras an Taobh Sear
Fo-thiotal an deilbh,

Tha aonta fad còig bliadhna aig Andi Dunkel agus Paul Milne leis a bheil Corran Coffee

'S ann le Andi Dunkel agus Paul Milne a tha Corran Coffee agus tha seachdnar ag obair dhaibh.

Bidh iad a' ròstadh nam pònairean cofaidh bho air feadh an t-saoghail aig a' chala fhèin.

Thuirt Mgr Dunkel: "Tha luchd-turais agus muinntir an àite air innse dhuinn cho toilichte 's a tha iad gu bheil café beag ann, gu h-àraid nuair a smaoineachas tu nach robh goirisean idir ann bho chionn beagan bhliadhnaichean."

Bha cruaidh fheum air barrachd ghoireasan dhan phoball leis gum bi na mìltean a' tadhal air a' Chorran a h-uile bliadhna feuch am faic iad na lorgan coise dìneasair air a' chladach.

Prìomh thogalach Cala StafainnTùs an deilbh, SCT
Fo-thiotal an deilbh,

Tha taighean-beaga air an robh cruaidh fhèum cho math ri frasairean sa phrìomh thogalach

'S e obair leasachaidh air Cala Stafainn fear de na rudan as motha a bha muinntir ear-thuath an Eilein Sgitheanaich ag iarraidh fad 20 bliadhna.

Tha Urras an Taobh Sear air còrr is £3m not de dh'airgead phoblach fhaighinn airson na h-obrach.

Thuirt cathraiche na buidhne Calum Dòmhnallach gun robh iad "air an dòigh glan gnothachas ionadail eile fhaicinn aig a' chala a' cumail taic ri obraichean."

Thuirt e: "Tha e a' cumail taic ris a' chala agus leis a sin ri coimhearsnachd Stafainn air fad."

Bidh an t-urras a-nis a' sireadh maoineachaidh airson na h-ath-ìre den obair leasachaidh gus balla-fasgaidh, lamraig agus pontùnaichean ùra a thogail.

Thuirt manaidsear Cala Stafainn, Lachaidh MacGill'Ìosa: "Bhiodh sin a' fosgladh chothroman do bharrachd bhàtaichean cho math ri cothroman do ghnothachasan eile is obraichean ura an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich."

Tuilleadh air an sgeulachd seo