Naidheachdan 10:00m

Spiorad na Mara

Tha oifigich Chomhairle nan Eilean Siar a' moladh do chomhairlichean cur an aghaidh phlanaichean airson tuath-gaoithe mòr far chosta an iar Leòdhais - leasachadh Spiorad na Mara. Tha Riaghaltas na h-Alba air beachd na comhairle - agus buidhnean eile iarraidh air na planaichean airson suas ri 60 crann, sia cileameatair far a' chosta. Ann an aithisg, tha na h-oifgearan ag ràdh nach biodh an tuath-gaoithe a tha san amharc iomchaidh dhan àite far am biodh e, agus nach gabh dèiligeadh ri gach buaidh a bhiodh aige air an àrainneachd, sealladh na tìre agus na mara agus dualchas eachdraidheil na sgìre. Thathar cuideachd a' cur theagamh anns an sgrùdadh àrainneachdail a rinneadh ma choinneamh nam planaichean agus oifigich am beachd nach eil sin a' dèanamh measadh ceart air an droch bhuaidh a bhiodh aig an sgeama.

Thuirt Northland Power nach biodh e iomchaidh dhaibh bruidhinn mu na puingean mionaideach a th' anns an aithisg mus biodh cothrom aig buill beachdachadh orra. Thuirt iad gun robh fòcas aca air pròiseact a tha a' cur taic ri cumhachd glan agus a bheireadh buannachdan san ùine fhada do Leòdhas agus dhan sgìre air fad.

Na Làbaraich

Tha Sir Keir Starmer air rabhadh a thoirt do dh'Andy Burnham gun a dhol na aghaidh anns an rèis airson ceannais sam bith anns a' bhad ma thèid a thaghadh mar bhall-pàrlamaid. Thuirt Sir Keir gum bu chòir dha focas a chumail air taghadh Meàr Mhanchester. Ma bhuannaicheas Mgr Burnham fo-thaghadh Makerfield a-màireach, dh'fheumadh e a dhreuchd mar Meàr Mhanchester fhàgail.

Agus tha Wes Streeting, seann Rùnaire na Slàinte, ag ràdh gu bheil esan deiseil airson seasamh an aghaidh Sir Keir cho tràth ris an ath sheachdain. Tha liosta de na tagraichean air fad a tha a' seasamh ann am fo-thaghadh Makerfield a-màireach air làrach naidheachd a' BhBC.

Prìosanaich

Canaidh ceann-suidhe na buidhne a tha a' riochdachadh àrd-superintendentan poilis ann an Alba gu bheilear a' dèanamh cus cleachdaidh dha bhith a' saoradh phrìosanach tràth mar dhòigh gus na tha fo ghlais a lùghdachadh. Canaidh Rob Hay gum feum binn a bhith a-rèir na h-eucoir agus gu bheil barrachd anns a' phrìosan air sgàth eucoireach a th' air a bhith ri droch eucoirean thar bhliadhnaichean. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum feum daoine cunnartach fuireach anns a' phrìosan agus gu bheil iad a' cur ri na th' ann de dh'àiteachan prìosain.

Luchd-taic nan sgoilearan

Thog Anndra Baxter, BPA an Eilean Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach, cho mì-chinnteach 's a tha suidheachadh luchd-taic nan sgoilearan ann am bun-sgoiltean na Gàidhealtachd, gu sònraichte a-muigh air an dùthaich. Tha tòrr luchd-taic air cùmhnantan goirid a tha a' ruith gu deireadh na bliadhna sgoile. Thuirt Mairi McAllan, Rùnaire an Fhoghlaim, gum feumadh feumalachdan gach sgìre fa leth tighinn air thoiseach air a h-uile rud eile.