Farpais uisge ann am Fàn Spè

Dithis ag iasgach ann an Uisge SpèTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-iasg, gnìomhachas an uisge-bheatha agus mac an duine uile a' cur feum air uisge na h-aibhne

  • Air fhoillseachadh

Tha manaidsearan aibhne ag ràdh gu bheil mar a tha Uisge na h-Alba air tòiseachadh a' tarraing uisge à Abhainn Spè na bhriseadh-dùil.

Tha a' chompanaidh a' pumpadh uisge às an abhainn faisg air Fachabar airson dèanamh cinnteach gu bheil gu leòr sna pìoban, ach tha dragh nach bi gu leòr san abhainn 'son a' bhradain a bhith a' briodadh.

Thuirt Uisge na h-Alba gun d' fhuair iad cead bho bhuidhinn dìon na h-àrainneachd, SEPA, uisge a tharraing gu dìreach às an abhainn, seach an dòigh àbhaisteach aca air na stòrasan a lìonadh bho thobraichean, ach nach do dh'iarr iad cead càil a bharrachd a thoirt àiste na tha an cead a th' aca a' sònrachadh.

Ach tha Bòrd Iasgaich Uisge Spè ag ràdh gu bheil dragh orra nach bi uisge gu leòr air fhàgail san abhainn airson leigeil leis a' bhradan snàmh suas gu far am briod iad ann an ceann uachdrach na h-aibhne.

Thuirt iad gum feum co-òrdanachadh a bhith ann airson cothromachadh a dhèanamh eadar feumalachdan Uisge na h-Alba, feumalachdan nan taighean-staile agus feumalachdan a' bhradain.

Tha Abhainn Spè ainmeil gu h-eadar-nàiseanta airson iasgach slaite, agus tha Srath Spè air tè de na sgìrean as motha san dùthaich airson obair-stailidh.

Thuirt SEPA gur ann ag amas air dìon a chur air an àrainneachd agus luchd-cleachdaidh an uisge a tha an ro-innleachd aca, 's gum bi iad a' tomhas fianais a chùm a bhith cinnteach gur ann gu seasmhach a tharraingear uisge às an abhainn.

Chan e seo a' chiad turas a nochd dragh am-bliadhna mu shlàinte na h-aibhne, agus dà chùis truaillidh air iasg a mharbhadh sna mìosan mu dheireadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo