Cùmhnantan £2bn gus obair an A9 a chrìochnachadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Còmhdhail Alba gum bi cothrom aig companaidhean einnseanaireachd air cùmhnantan luach £1.94bn fhaighinn gus crìoch a chur air a' phròiseact gus an A9 eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhìllte.
Tha a' bhuidheann air fiosrachadh mu chùmhnantan a sgaoileadh airson nam pìosan den rathad (58 mìle uile gu lèir) nach deach a-mach gu tairgse fhathast.
'S e a' chiad chùmhnant às an fheadhainn mu dheireadh sin an obair eadar Dail Radaidh agus an Sloc.
Briseadh-dùil is fearg mun A9
- Air fhoillseachadh9 An Gearran 2023
A9 dà-fhillte ann an 2035
- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2023
Airgead calpa gus leasachadh an A9 a chrìochnachadh
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach
Thuirt Riaghaltas na h-Alba san Fhaoilleach gu bheil iad an dùil fhathast gum bi an obair uile air a dèanamh ro dheireadh 2035.
'S e 2025 an targaid a bh' ann bho thùs.
Thuirt iad cuideachd gur e airgead calpa a phàigheas 'son a' chòrr den obair, seach an dà chuid maoineachadh poblach is prìobhaideach mar a bha dùil roimhe.