Naidheachdan 11:00m
Sir Keir Starmer
Tha am Prìomhaire air innse gum bi an Riaghaltas a' gabhail làn-shealbh air a' chompanaidh stàilinn, British Steel, agus e cuideachd a' gealltainn càirdeas a thogail às ùr leis an Roinn Eòrpa agus barrachd aire a chur ri cothroman preantasachd. Bha sin uile san uair a thìde a chaidh seachad agus Sir Keir Starmer a' toirt seachad òraid ann an oidhirp taic fhaighinn às ùr dhan phartaidh Làbarach, agus bho bhuill-phàrlamaid nan Làbarach dha fhèin gu pearsanta mar cheannard, às dèidh call anns na taghaidhean air an t-seachdain seo chaidh. Ghabh Sir Keir an coire e fhèin, thuirt e, airson cho dona 's a chaidh cùisean dha na Làbaraich anns na taghaidhean, agus gheall e gum biodh am partaidh a' dèanamh nas fheàrr fo stiùir. Thuirt Sir Keir cuideachd gun dèanadh e strì an aghaidh oidhirp sam bith a chur à dreuchd mar cheannard nan Làbarach.
Pàrlamaid ùr na h-Alba
Tha na buill a chaidh a thaghadh gu Pàrlamad na h-Alba air an t-seachdain seo chaidh air a bhith a' nochdadh aig Holyrood an-duigh sa mhadainn, agus 64 dhuibh a' dol ann airson a' chiad uair. Bidh iad gan treòrachadh tron togalach fhèin, agus tro shiostaman 's dòighean-obrach na pàrlamaid cuideachd mu an leithid a bhith a' bhòtadh. Gabhaidh iad am bòidean Diardaoin, 's bidh cuideachd Oifigear Riaghlaidh ùr gan taghadh an uairsin leis a' phàrlamaid.
Prìsean ola
Tha prìsean ola air a bhith ag èirigh air na margaidhean eadar-nàiseanta an-diugh às dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump cur sìos air beachd a nochd à Iran air molaidhean Aimeireaganach a thaobh sìth a dhèanamh anns an Ear-Mheadhanach. Chaidh aithris gun robh Iran airson sgaradh a dhèanamh eadar aonta mu bhith a' toirt crìch air a' chogadh agus a bhith a' fosgaldh Caolas Hormuz, agus na bhiodh a' tachairt dhan phrògram niuclasach aca.
E.On
Tha a' chompanaidh chumhachd Ghearmailteach E.On ag ràdh gu bheil iad air aonta a dhèanamh gus a' chompanaidh Ovo a cheannach. Bhiodh a' chompanaidh an uairsin am measg nan companaidhean as motha a tha a' cumail dealain agus gas ri sluagh Bhreatainn.
Hantavirus
Tha 22 duine a bha air bòrd a' bhàta-thurasachd far an deach am bhìoras hantavirus mu sgaoil air a bhith gan cumail fa leth aig ospadal ann am Merseyside. Chan eil duine nam measg, chun an seo, air comharran sam bith dhen tinneas a nochdadh. Bha iad uile nan luchd-siubhail neo nan criutha Breatannach air bòrd an t-soithich an MV Hondius far an deach an galar mu sgaoil.