"Nàir" cho slaodach 's a bha cunntadh nam bhòtaichean an Inbhir Nis

Chaidh na bhòtaichean airson trì roinnean-pàrlamaid agus liosta roinneil na Gàidhealtachd is nan Eilean a chunntadh aig ionad-spòrs ann an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd fo chàineadh airson mar a làimhsich iad cunntadh nam bhòtaichean an Taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba.
Thathar ag iarraidh air an ùghdarras ionadail mìneachadh carson a thug e 16 uairean de thìde bho thòiseach a' phròiseis gus an deach na toraidhean mu dheireadh a ghairm.
Bha dùil gun rachadh aca air ainmeachadh cò rinn a' chùis sna trì roinnean-pàrlamaid anmoch feasgar Dihaoine, agus toradh na liosta sgìreil gun a bhith ro fhada an dèidh sin.
Ge-tà, 's ann aig 6:50f a chaidh fios mu thoradh na ciad roinne-phàrlamaid a ghairm agus bha e 01:20m madainn Disathairne nuair a chaidh buill-phàrlamaid liosta na Gàidhealtachd is nan Eilean ainmeachadh.
Thuirt an comhairliche Gàidhealach Isabelle NicCoinnich gur e suidheachadh "uabhasach" a bh' ann agus dh'iarr i ath-sgrùdadh air mar a tha bhòtaichean na liosta gan cunntadh.
Thuirt Derek Brown, oifigear an taghaidh airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, gun do rinn Comhairle na Gàidhealtachd obair mhòr sna 12 mìos a chaidh seachad airson dèanamh cinnteach gun robh am pròiseas cunntaidh èifeachdach.
Thuirt Coimisean an Taghaidh gun d' fhuair a' chiad mheasadh aca air a' chunnt gun robh e fosgailte agus gun robh na toraidhean ceart.
Seat a bh' aig an Leas-Phrìomh Mhinistear a' dol do na Lib Deamaich
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Ghlèidh tagraiche an SNP Inbhir Nis is Inbhir Narann
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Thug na Lib Deamaich roinn Gallaibh, Cataibh is Ros bhon SNP
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
B' e Inbhir Nis, An t-Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Ros an roinn-phàrlamaid mu dheireadh a chaidh a ghairm san Rìoghachd Aonaichte san taghadh choitcheann san Iuchar 2024 an dèidh mar a chaidh na bhòtaichean a chunntadh trì tursan.
Tha e coltach gur e as coireach ris an dàil Dihaoine nach robh na bha de bhòtaichean dearbhte a' tighinn a rèir àireamh nam bhòtaichean neo-dhearbhte a chaidh a chunntadh.
Thuirt an Comh NicCoinnich gum feumte am pròiseas a leasachadh mus biodh taghaidhean nan ùgdharrasan ionadail ann an ceann bliadhna.
"Leis an fhìrinn innse, tha e uabhasach gun tèid aig ùghdarrasan ionadail eile feadh Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte na toraidhean aca fhoillseachadh ann an deagh àm.
"Chan eil e a' coimhead math don Ghàidhealtachd," thuirt i.
Tha i ag ràdh gun robh i a' faireachdainn duilich don luchd-obrach aig a' chunnt a bha uaireannan a' feitheamh gun a bhith a' dèanamh càil agus uaireannan eile "fo ìmpidh" na bhòtaichean a chunntadh.
Thuirt i gur dòcha gum biodh barrachd luchd-obrach a dhìth san àm ri teachd.
"Pròiseasan seasmhach"
Bha Rhoda Ghrannd, a bha roimhe na BPA sgìreil do na Làbaraich agus a bha a' cumail taic ri tagraichean aig a' chunnt, cuideachd le truas ris an luchd-obrach.
Thuirt i: "Bha e eagalach fhèin slaodach. Feumaidh gur e a là fada a bh' ann don luchd-obrach."
Thuirt i gun deach luchd-obrach a chur dhachaigh aig aon àm mus robh aca ri tilleadh. Thuirt i cuideachd gun robh coltas ann gun do chuir "mearachd chlo-bhualadair" maill air an obair.
Thuirt Ms Ghrannd gun tuigeadh i gun fheudar Comhairle na Gàidhealtachd a bhith air leth faiceallach a thaobh cunntadh nam bhòtaichean, ach gun robh i den bheachd gum b' urrainn do na bhòtaichean sgìreil a bhith air an cunntadh na bu luaithe aig amannan.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh còrr is mìle luchd-obrach an sàs an obair an taghaidh, le còrr is 260 aig a' chunnt fhèin.
Thuirt Derek Brown, oifigear taghaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean: "Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith ag obair gu cruaidh thairis air an 12 mìos a dh'fhalbh airson dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseasan cunntaidh againn seasmach.
"Bha seo gu sònraichte cudromach leis gu bheil sinn a' cur an gnìomh pròiseas cunntaidh ùr, air a bheil modail mini-count, a tha mòran de chomhairlean an Alba a' cleachdadh."
Thuirt e gun robh ath-sgrùdadh ga dhèanamh air dòighean-obrach gu cunbhallach.
Thuirt Coimisean an Taghaidh: "Tha sinn a' meas gun deach an cunnt a' làimhseachadh ann an dòigh fhosgailte agus gun tàinig toradh ceart às, agus gun deach na pròiseasan iomchaidh a' leantainn."
Thuirt neach-labhairt gum biodh an coimisean a' foillseachadh aithisg, agus molaidhean sam bith, air na taghaidhean Albannach as t-fhoghar.