Deasbad nan Sgoiltean ann an cunnart

Sgioba Sgoil Sir E Scott còmhla ris na britheamhan às dèidh dhaibh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean a bhuannachadh ann an 2025Tùs an deilbh, Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean
Fo-thiotal an deilbh,

Sgioba Sgoil Sir E Scott còmhla ris na britheamhan às dèidh dhaibh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean a bhuannachadh ann an 2025

LeAilean MacLeòid
BBC NaidheachdanAg aithris àSteòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Chuala comhairlichean anns na h-Eileanan Siar gu bheil cunnart ann nach tèid Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean air adhart am-bliadhna ri linn dìth airgid.

Dh'innis aithisg, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh Comataidh an Fhoghlaim Dimàirt gu bheil an deasbad air a bhith gu math feumail do dhaoine òga a thaobh misneachd is fileantas sa Ghàidhlig.

Ach tha an aithisg ag radh gu bheil "dùbhlain mu choinneimh mhaoineachaidh" a' fàgail gu bheil mì-chinnt ann a-nise mun deasbad.

Chaidh innse do chomhairlichean gun deach "obair mhòr" a dhèanamh feuch maoineachadh fhaighinn ach nach eil an t-airgead ann aig an ìre seo.

Thèid co-dhùnadh a dhèanamh a dh'aithghearr an tèid an fharpais air adhart am-bliadhna.

Thuirt ceannard an fhoghlaim, Dòmhnall MacLeòid, nach eil e comasach a-nise do chuid a thug seachad maoineachadh roimhe taic a chumail ris an deasbad.

Thog an Comh Frances Mhoireach air cho cudromach 's a tha an deasbad air a bhith thar nam bliadhnaichean is mar a tha mòran às na h-Eileanan an Iar air a bhith soirbheachail.

Thòisich Deasbad nan Sgoiltean ann an 1999.

Bidh clann bho sgoiltean air feadh na h-Alba a' farpais an aghaidh a chèile is bidh a' chuairt dheireannach ann am Pàrlamaid na h-Alba.