Stiùiriche air Stòras Uibhist fhàgail

Ceann a deas Uibhist a Deas a' coimhead air Èirisgeidh agus Barraigh bhon adharTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha tè de stiùirichean ùra Stòras Uibhist air a' bhuidheann fhàgail.

Bha an Comhairliche Susan NicThòmais am measg na chaidh a chur air bòrd Sealladh na Beinne Mòire air thoiseach air EGM na buidhne sa Ghiblean is a fhuair an uairsin taic làidir bhon bhallrachd aig a' choinneimh sin.

B' fheudar coinneamh èiginn a chumail feuch slighe a lorg a-mach às an staing anns an robh an t-uachdaran coimhearsnachd.

Thàinig an naidheachd mu Susan NicThòmais ann am brath ùr bho na stiùirichean is iad ag ràdh gu bheil an t-uabhas de dh'obair air a bhith mun coinneamh bho thòisich iad.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson fiosrachadh a chumail ris an t-sluagh mun obair sin.

Thuirt iad gu bheil e an urra ri Susan NicThòmais fhèin innse carson a dh'fhàg i a' bhuidheann ma tha i airson sin a dhèanamh.

"Leis an staing a bh' ann mu dheidhinn Stòras mus robh an EGM ann, chan e an rud as tarraingiche a dhol an sàs ann agus tha sinn a' toirt taing do Susan airson thighinn air adhart agus airson a cuid ùine", thuirt na stiùirichean.

Thuirt am bòrd ùr gu bheil iad fhathast ag ionnsachadh mu obair na diofar bhuidhnean a tha fo bhratach na companaidh pàraint Sealladh na Beinne Mòire (SnBM).

Dhearbh iad gun deach cunntasan 2024 a bha gu mòr air dheireadh fhoillseachadh agus gu bheil iad sin a-nis rim faicinn air-loidhne.

Thuirt iad gu bheil iad ag ullachadh chunntasan 2025 agus gum faigh am poball fiosrachadh mun sin aig seiseanan conaltraidh a tha gu bhith aca.

Gheall iad do bhuill gum foillsich iad mionaidean nan coinneamhan a bh' aca cha mhòr a h-uile seachdain on ghabh iad os làimh stiùireadh na buidhne.

Thuirt iad: "Tha sinn mothachail gu bheil cuid ag ràdh nach eil 'càil air atharrachadh' a thaobh a bhith a' cumail fios ris a' choimhearsnachd agus tha sinn ag iarraidh oirbh a bhith foighidinneach fhad 's a thèid sinn tro na diofar phròiseasan.

"Chan e nach eil sin airson a bhith fosgailte, 's e dìreach gu bheil tòrr ri dhèanamh."

Mar sin, bidh trì seiseanan poblach air an 30mh den Ògmhios, an 29mh den Iuchar agus air an 27mh den Lùnastal a bhruidhinn mu ro-innleachd conaltraidh.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil an suidheachadh a th' ann air fàgail gu bheil uallach a bharrachd air a bhith air an luchd-obrach is gu bheil iad mar sin a' faighinn cuideachaidh eadar-amail bho luchd-obrach aig Comhairle nan Eilean Siar.

Tha am bòrd ùr ag ràdh gur e am miann cùisean a dhèanamh nas fheàrr don "choimhearsnachd làidir a thog sinn còmhla".

Ghabh iad ris gur dòcha gum bi dùbhlain ann fhathast ach dh'iarr iad gun "cùm daoine a' nochdadh spèis do chàch a chèile fhad 's a nì ar luchd-obrach agus stiùirichean saor-thoileach obair gus cùisean a leasachadh don choimhearsnachd againn".