Deasbad nan Àrd-sgoiltean 2025
Chaidh cuairt-dheireannach Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2025 a chumail ann an Dùn Èideann a-raoir le dithis sgoilearan bho Sgoil Sir E Scott a' deasbad ri dithis bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
Bha iad a' deasbad a' chuspair 'Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' dèanamh barrachd dhan Ghàidhlig na tachartas sam bith eile ann an Alba'.
'S iad na Hearaich a thàinig am bàrr, mar a tha Ailean Peutan ag aithris.