Mòd 2026: Cò bhios ag amas air na prìomh dhuaisean seinn?

Boireannach (clì) agus fireannach (deas) nan seasamh ri taobh a chèile. Tha fiamh a ghàire air an dithis aca agus tha Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aca nan làimh. Tha bràiste a' Chomuinn air an cùlaibh.Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

'S iad Caitlyn Yule agus Finlay Morse a bhuannaich Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Tha farpaisean mòra nan inbheach a' tòiseachadh an-diugh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu.

Thèid farpais Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a chumail an toiseach.

Bidh sin ann an-diugh fhèin - lè àrdachadh air a thighinn air àireamh nam fear am-bliadhna às dèidh do dhìreach dithis a dhol air a shon an-uiridh.

Tha na farpaisich ann am farpais nam fear mar a leanas:

  • Anndra Cuimeanach, An Leathad

  • Dan MacFhionghain, Inbhir Pheofharain

  • Mark Mac a' Ghobhainn, Leòdhas

  • Lewis Davey, Ìle

  • Matthew Gilmour Wright, Glaschu

Nighean ann an deise uaine agus gàire mhòr oirre. Tha a falt fada agus bàn agus tha i a' cumail Bonn Òir an t-Seann Nòis suas ris a' chamara. Tha bràiste a' Chomuinn Ghàidhealaich air a cùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Choisinn Màiri Callan Bonn Òir an t-Seann Nòis anns a' Ghearasdan ann an 2025

Tha seachdnar sheinneadairean boireann ag amas air a' Bhonn Òir.

  • Fiona Nic an Tòisich, Dùn Èideann

  • Layla Orr Nic an t-Saoir, Loch Àlainn

  • Julie-Anne NicPhàidein, An t-Òban

  • Isla Duke, An Eaglais Bhreac

  • Amanda Millen, Drochaid Ruaidh

  • Isabelle Bain, Griais

  • Laura Robertson, An Gearasdan

Tha riaghailtean ùra a' ciallachadh nach tèid comharran na ro-fharpais sa mhadainn a chur ri comharran na cuairte deireannaich a-nochd.

Tòisichidh an ro-fharpais ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu aig 09:30m is bidh e beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 09:00m.

Bidh a' chuairt dheireannach beò air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC ALBA a-nochd bho 7:30f.

Tha naoinear bhoireannach air iad fhèin a chur air adhart airson prìomh fharpais seinn san t-Seann Nòs, a bhios ann Diardaoin.

Tha na farpaisich mar a leanas:

  • Marion NicCorcadail, Uibhist a Tuath

  • Fiona J NicCoinnich, Inbhir Pheofharain

  • Eilidh Mòrag Nic a' Phì, Inbhir Nis

  • Anna NicGriogair, Glaschu

  • Fionnghal Nic an Aba, An t-Eilean Sgitheanach

  • Eilidh Davies, Inbhir Nis

  • Isla Scott, Na Hearadh

  • Saffron Hanvidge, Inbhir Nis

  • Fiona Langley, Na Hearadh

Fireannach ann am fèileadh na sheasamh ri taobh boireannaich ann an deise uaine. Tha iad a' coimhead air a chèile agus a' gàireachdainn. Tha am muir agus beanntan air an cùlaibh. 'S e là àlainn a th' ann.Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Donnchadh MacLeòid agus Màiri Callan a bhuannaich Buinn Òir an t-Seann Nòis sa Ghearasdan an-uiridh

Tha ochdnar fhireannach gu bhith ann am farpais an t-Seann Nòis am-bliadhna.

  • Uilleam Iain MacSuain, Obar Dheathain

  • Lyle Kennedy, An t-Òban

  • Eòin Coinneach Cuimeanach, An Leathad

  • Neil MacRisnidh, Leòdhas

  • Iain MacCarmaig, Port Rìgh

  • Somhairle Rob Stevenson, Crìochan na h-Alba

  • Joe MacNìll, An t-Ìochdar

  • Torquil MacGilleEathain, Siorrachd Rois

Bheir BBC Radio nan Gàidheal thugaibh an ro-fharpais bho 09:00m Diardaoin is a' chuairt dheireannach bho 7:30f, is a' chuairt dheireannach cuideachd beò air BBC ALBA.