Maoin do bhuidhnean coimhearsnachd an Earra-Ghàidheal fosgailte

- Air fhoillseachadh
Tha cuireadh ga thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid cur airson maoineachaidh à stòras a th' air fosgladh às ùr.
Gheibhear suas ri £1,500 de thaic bho Mhaoin Taic Coimhearsnachd Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Tha a' mhaoin fosgailte do bhuidhnean neo-phrothaideil a tha a' feuchainn ri diofar a dhèanamh sna coimhearsnachdan aca.
Dh'fhosgail a' mhaoin Diluain, agus bidh e fosgailte chun a' 5mh là den Iuchar.
Faodar cur airson taic fo cheithir earrannan:
Coimhearsnachdan nas Cothromaiche - pròiseactan ag amas air dèiligeadh ri bochdainn agus cothroman a leudachadh
Coimhearsnachdan Seasmhach - a' neartachadh chomasan ionadail agus a' freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd
Coimhearsnachdan nas Uaine 's nas Glaine - pròiseactan àrainneachdail agus gnàth-shìde
Coimhearsnachdan Cruthachail - a' cleachdadh cruthachaileachd airson taic a chur ri slàinte is sunnd
Bho chaidh a' mhaoin a stèidheachadh tha i air taic a thoirt do chòrr air 850 pròiseact san sgìre.
Faodar cur airson taic air làrach-lìn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid., taobh a-muigh