Dè tha an dàn do sheann Àrd Eaglais Inbhir Nis?

Tha buidhean aig a bheil ùidh ann a bhith a' ceannach an t-seann Àrd Eaglais ann an Inbhir Nis a' sireadh bheachdan air dè a bu chòir a bhith air a dhèanamh leis an togalach.

Sgaoil Friends of the Old High ceisteachan ag iarraidh air daoine innse dè a bu toil leotha fhaicinn san togalach eachdraidheil.

Chaidh e air a' mhargaidh an-uiridh agus tha Friends of the Old High airson goireas coimhearsnachd a dhèanamh dheth.

Tha Mairi Riddoch ag aithris.