Cead ga dhiùltadh do shealg a' ghuga am-bliadhna

- Air fhoillseachadh
Tha bòrd NàdarAlba air cead a dhiùltadh do shealg a' ghuga am-bliadhna.
Tha seo an dèidh mar a mhol oifigich na buidhne don bhòrd cead a dhiùltadh ann an aithisg a chuir iad mun coinneimh an t-seachdain a chaidh.
Bha oifigich ag ràdh nach robh cinnt shaidheansail ann nach toireadh an t-sealg droch bhuaidh air àireamhan nan eun.
Tha luchd-iomairt air a bhith a' cur an aghaidh a' chleachdaidh thraidiseanta fad grunn mhìosan, agus iad air còrr air 100,000 ainm a chruinneachadh air athchuinge a chuir iad gu Pàrlamaid na h-Alba.
Ann am brath thuirt NàdarAlba gu bheil "cò-dhùnadh tagradh a dhiùltadh stèidhichte a-mhàin air fianais shaidheansail".
"Chleachd sinn an dàta as ùire a th' ann agus dh'iarr sinn modail ùr feuch dè a' bhuaidh a bhiodh air na tha de shùlairean.
"Mar sin, tha sinn air co-dhùnadh gum faodadh gum biodh droch bhuaidh an cois an tagraidh airson 2,000 sùlairean òga, agus airson ìre nas lugha de 500."
Dùil ri co-dhùnadh air sealg a' ghuga, agus ceist mu phròiseas co-dhùnaidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 uairean
'Fir Nis' ag iarraidh coinneimh le NàdarAlba
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Fo Earrann 16 de dh'Achd na Fiadh-bheatha 's na Tuaithe tha còir aig "Fir Nis" ann an ceann a tuath Leòdhais falbh a Shùlasgeir, mu 40 mìle tuath air an eilean, airson àireamh aontaichte de ghugannan - sùlairean òga mus bi comas sgèith aca - a mharbhadh airson biadh a h-uile bliadhna.
Thuirt NàdarAlba nach eil "an co-dhùnadh a' cur bacadh air Fir Nis cur a-steach agus a' faighinn cead sna bliadhnaichean ri teachd".
Tha luchd-strì an aghaidh na seilge ag ràdh gun cùm iad orra gus an tèid a casg buileach.
Chuir Comhairle nan Eilean Siar an taic ris an t-seilg, a th' air a bhith ga dhèanamh bho chionn 500 bliadhna.
Ro choinneamh bòrd NàdarAlba feasgar Diluain, rinn BP Làbarach nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, iarrtas saorsa fiosrachaidh mu phròiseas oifigearan na buidhne gun an t-sealg a cheadachadh.
"Mar a tha mise ga thuigs', anns a' chiad dreach den aithisg, chan e sin an co-dhùnadh dhan tàinig oifigearan anns a' chiad àite.
"Chan eil càil air atharrachadh ann an Sùlasgeir. 'S e an aon rud a th' air atharrachadh gu bheil luchd na h-àraineachd sna bailtean mòra air an guthan a thogail agus air a bhith a' strì an aghaidh seo, agus tha sin air ìmpidh phoilitigeach chanainnsa a chur air NàdarAlba," thuirt e.