Muncaidh a' teicheadh bho shabaid?

- Air fhoillseachadh
Tha iomairt a' leantainn gus lorg fhaighinn air muncaidh a theich à Pàirc Fhiadh-bheatha na Gàidhealtachd ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus dùil gu robh e teicheadh o shabaid.
Chaidh am beathach fhaicinn ann an gàrraidhean ann am baile Cheann na Creige faisg air làimh.
Fhuair am muncaidh - macaque Iapannach - às a' chrò aige Là na Sàbaid agus cha deach a ghlacadh fhathast.
Thuirt Keith Gilchrist bho Chomann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba, an RZSS, a tha a' ruith na pàirce, gu bheil àm briodaidh ann an-dràsta agus gum bi na muncaidhean uaireannan a' sabaid airson làmh an uachdair fhaighinn.
Thuirt Mgr Gilchrist gu bheil coltas ann gun do roghnaich am muncaidh sa teicheadh seach a dhol an-sàs ann an sabaid sam bith le beathaichean eile.
Nuair a theich am mathan mòr Hercules
Chaidh iarraidh air daoine gun a dhol faisg air ach brath a chur chun RZSS le fiosrachadh sam bith.
Chunnaic Carl Nagle à Ceann na Creige am muncaidh anns a' ghàrradh aige.
"Choimhead mi a-mach air an uinneig agus bha e an sin, cho moiteil sa ghabhas, a dhruim ris an fheansa ag ithe chnòthan a bh' air tuiteam às na h-innealan a tha a' biathadh nan eun."
Thuirt Mgr Nagle gun deach am muncaidh timcheall air a' ghàrradh greis agus an uairsin gun robh e a' feuchainn ri tuilleadh chnòthan fhaighinn às na h-innealan.
Ma tha fiosrachadh sam bith aig duine, bu chòir fios a chur gu: comms@rzss.org.uk