Honshu a' fàgail na Gàidhealtachd

HonshuTùs an deilbh, CARL NAGLE
  • Air fhoillseachadh

Tha am muncaidh a chaidh mu sgaoil ann am Bàideanach air a' mhìos a chaidh gus Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd fhàgail a-rithist.

An turas seo ge-tà, 's ann fo smachd an luchd-obrach a dh'fhalbhas Honshu is dachaigh ùr gu bhith aige aig deas.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle nuair a theich am muncaidh à Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd faisg air Ceann na Creige air a' mhìos a chaidh.

Bha Honshu mu sgaoil fad còig là is daoine air feadh an t-saoghail a' leantainn an sgeòil, mus deach a ghlacadh ann an gàrradh faisg air làimh.

Tha luchd-obrach na pàirce ag ràdh ge-tà, gu bheil e air a bhith gu math doirbh bhon uairsin Honshu a stèidheachadh às ùr leis na muncaidhean eile.

Mar sin, chaidh buidheann ùr de mhuncaidhean a stèidheachadh timcheall air.

Tha e coltach gur e Sin Sibh bho Honshu a bh' ann is iad uile a' faighinn air adhart glè mhath.

Fàgaidh e fhèin is iad fhèin a' Ghàidhealtachd an-diugh, is dachaigh ùr gu bhith aca ann an Sù Dhùn Èideann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo