"Barrachd a dhìth" a thaobh chosgaisean bith-beò

- Air fhoillseachadh
Tha staing nan cosgaisean bith-beò a-niste a' toirt buaidh air àireimh mhòir dhaoine, a rèir Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill sna h-Eileanan Siar, 's feumaidh partaidhean poilitigeach na h-Alba barrachd a dhèanamh gus daoine a chuideachadh.
Tha am beachd a' daingneachadh toradh rannsachaidh a rinneadh dhan BhBC gur e cosgaisean bith-beò am prìomh chuspair a tha ann an inntinn dhaoine 's iad a' smaoineachadh air bhòtadh ann an taghadh Holyrood.
'S ann anns na h-Eileanan Siar as motha a tha ìrean bochdainn connaidh ann an Alba, agus a' chosgais sin a' tighinn air daoine air muin chosgaisean a bharrachd a tha a' tighinn orra an lùib a bhith a' fuireach ann an eilean.
"'S e gum feum daoine taghadh a dhèanamh a bheil iad a' dol a chur air an teas no a bheil iad a' dol a dh'fhaighinn bìdh dhan chloinn, no dè tha iad a' dol a dhèanamh," thuirt Stiùiriche CAB nan Eilean Siar, Murchadh MacIllEathain.
"Tha sinne a' faicinn sin a h-uile là."
Tha atharrachadh mòr a dhìth gu poilitigeach gus cùisean a dhèanamh nas fhasa dha daoine a th' ann am fiachan 's a' strì le cosgaisean a' bhith-beò, a rèir Mhgr MhicIllEathain.
"Tha feagal againne gum fàg iad e ro fhada. Sin an rud as miosa.
"Tha sinn a' faicinn a' chuideachaidh a thuirt iad airson na h-ola, 's rudan den t-seòrsa sin, tha mìosan a' dol seachad agus tha iad ag ràdh gu dèan iad rudeigin, agus tha mi cinnteach gun dèan, ach 's e dìreach cuin?
"Tha sinne a' faicinn daoine a' dol sìos gu math luath nuair a tha iad a' faicinn nach eil càil a' dol gan cuideachadh anns na mìosan a tha a' tighinn.
"Tha e trom dha-rìribh air daoine anns na h-eileanan a tha seo 'son chan eil iad a' faicinn gu bheil duine a' dèanamh càil ann an cabhag sam bith."
Blàr Holyrood: Cò gheibh làmh an uachdair?
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Staing nan aiseagan air aire luchd-poileataigs an iomairt an taghaidh
- Air fhoillseachadh30 Am Màrt
Tha daoine a-niste a' sireadh comhairle on bhuidhinn nach b' àbhaist a bhith ga dhèanamh, a rèir Mhgr MhicIllEathain.
"Tha e a' fàs nas miosa. Tha sinn a' faicinn daoine a bha 's mathaid a' faighinn air adhart agus a' faighinn air rudan a phàigheadh, agus an-diugh chan eil iad a' faighinn air uiread a chur air falbh," thuirt e.
"Tha sinne a' faicinn sin a' tachairt, agus chan eil iad a' faicinn dòigh a-mach às - sin a tha trom air na daoine fhèin. Tha e trom air an inntinn."
Gun chàil a choltas gur ann am fearrad a thèid cùisean san aithghearrachd, tha Mgr MacIllEathain ag ràdh gu bheil e fìor chudromach taic a lorg.
"Cha bu chòir dha daoine a bhith a' toirt a chreids' orra fhèin nach eil seo a' tachairt. Feumaidh iad cuideachadh a lorg, agus a lorg nas tràithe 's ann as fheàrr.
"'S urrainn dhuinn rudan a dhèanamh - planaichean pàighidh a chur a-steach, sochairean eile fhaighinn, rudan den t-seòrsa sin.
"Chan e idir fhàgail 's an dòchas gum falbh e."
Cluinnear an tuilleadh fiosrachaidh mu chosgaisean bith-beò agus prìomhachasan luchd-bhòtaidh airson taghaidhean na Pàrlamaid Albannaich ann an earrann shònraichte den phrògram An La a' bhios ga chraoladh oidhche Mhàirt bho 8:00f à Holyrood.