Naidheachdan 11:00m

Cogadh Iran

Dh'iarr feachdan Israel air muinntir Iran trèanaichean na dùthcha a sheachnadh, oir bidh am beatha ann an cunnart. Ged a chuir iad an teachdaireachd a-mach air na meadhanan sòisealta chan eil fhios am faca mòran e, oir tha an t-eadar-lìon ann an Iran air a dhubhadh às gu ìre mhòir. Tha an Ceann-suidhe Trump air gu a-nochd a thoirt do dh'Iran Caolas Hormuz fhosgladh no gun toir e ionnsaigh mhòr orra. Chaidh Mgr Trump às àicheadh rabhaidhean gum biodh ionnsaighean air drochaidean is ionadan-connaidh ann an Iran na eucoir cogaidh.

Kanye West

Thabhainn an seinneadair 's an rapair Kanye West coinneachadh ri buill de choimhearsnachd Iùdhach Bhreatainn an dèidh iarrtasan gun deadh a chasg à fèis chiùil Wireless ann an Lunnainn. Tha e mar-thà air leisgeul a thabhainn airson rudan a thuirt e mu Iùdhaich, 's chuir e a' choire air an tinneas inntinn bipolar a th' air.

An MV Glen Sannox

Innsidh CalMac an-diugh fhathast an tèid aig a' bhàta-aiseig an Glen Sannox air tilleadh gu seirbheis air slighe Eilean Arainn a-màireach no nach tèid. Tha i briste a-rithist, 's rudeigin ceàrr air fear de na pumpaichean connaidh aice. Tha tàire air a bhith aca leatha bho thòisich i, an dèidh a bhith bliadhnaichean air dheireadh ga togail. Tha Caolas na Hearadh cuideachd gun seirbheis an-diugh, air sgàth bàta a tha briste.

Teine an Obar Dheathain

Tha luchd-smàlaidh a' feuchainn ri teine mòr a chur às ann an Obar Dheathain. Thòisich e ann an taigh air Barraid Summerfield, 's chaidh lasraichean fhaicinn a' tighinn tro mhullach an taighe. Chaidh daoine ann an taighean faisg air làimh a ghluasad a-mach.

Plana cùraim

Dhiùlt boireannach ann an Loch Abar, air a bheil palsaidh eanchainne, plana cùraim a cheadaicheadh dhi a dhol dhachaigh seach gum biodh e a' ciallachadh i a bhith 14 uair gach là anns an leabaidh. Chaidh Iona Ghrannd às a' Ghearasdan dhan ospadal anns an Dàmhair an-uiridh, agus tha i air a bhith ann an dachaigh-cùraim ann an Inbhir Narann an dèidh faighinn a-mach. Thabhainn NHS na Gàidhealtachd leisgeul airson na h-ùine a tha e a' toirt, ach tha iad an dòchas plana ceart a chur air dòigh dhi a dh'aithghearr.