An Lord of the Isles air briseadh às ùr

- Air fhoillseachadh
Tha troimhe-chèile às ùr ann air lìonra ChalMac is an Lord of the Isles air briseadh sìos a-rithist.
Bha CalMac air LOTI a chur air an t-slighe eadar an t-Òban, Barraigh is Loch Baghasdail às dèidh dhi tilleadh gu seirbheis nas tràithe na bha dùil air an deireadh-sheachdain.
Tha trioblaid a-nise air tighinn am bàrr le prìomh einnsean air a' bhàta is tha i air a tarraing à seirbheis a-rithist.
Chaidh an MV Isle of Mull a chur eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil is tha an MV Clansman a' ruith air clàr-ama ùr eadar-amail eadar Ùige, an Taibeart is Loch nam Madadh.
CalMac an dùil an Glen Sannox is an Isle of Islay a chur air slighean nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
CalMac: "Suidheachadh cho doirbh 's dòcha 's a bh' againn a-riamh"
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
Aig deas tha an Glen Sannox na tàmh an-dràsta agus trioblaidean a' leantainn le einnsean an t-soithich.
Cha do thill i gu seirbheis ach an t-seachdain a chaidh an dèidh obair-chàraidh air an t-siostam thraoghaidh aice.
Chaidh a toirt a-mach à seirbheis a-rithist Diluain, a' toirt buaidh air seirbheisean eadar an Truthail agus Brodaig ann an Arainn, is cha do sheòl i idir Dimàirt.
Tha dùil ris a' chatamaran an MV Alfred, a tha fhathast air fhastadh aig CalMac bho Pentland Ferries, tilleadh o obair-chàraidh airson slighe an Truthail a dhèanamh bho Dhiciadain air adhart.
A thuilleadh air seo, chan eil seirbheis ann air Caolas na Hearadh Dimàirt is trioblaid air nochdadh leis an Loch Bhrusda.
Eileanaich a' cur fàilte air an Glen Sannox ach teagamhan ann fhathast
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2025
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Tha uallach mòr air a bhith air lìonra ChalMac sna seachdainnean mu dheireadh le grunn bhàtaichean san doc co-dhiù is feadhainn eile air briseadh sìos.
Thuirt CalMac aig deireadh a' Mhàirt gun robh trioblaidean teicnigeach ag adhbharachadh gainne shoithichean cho mòr 's a bh' ann riamh.
Thàinig orra grunn shoithichean a chur air slighean eile airson seirbheisean a chumail ri eileanan, agus iad ag ràdh gu bheil an suidheachadh "ga shìor ath-sgrùdadh".
Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu chlàran-ama an seo, taobh a-muigh.