Na bu mhiann leis na daoine - Plana Gàidhlig Iar-Thuath Leòdhais

Cros, NisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha beachdan gan sireadh air dreach-phlana leasachaidh, taobh a-muigh airson na Gàidhlig ann an tè de na sgìrean far a bheil i fhathast na cànan coimhearsnachd.

Tha Iar-Thuath Leòdhais a' dol bho Nis gu Loch a' Ghainmich agus 's e am plana seo a' chiad fhear air a' stiùireadh leis an luchd-còmhnaidh.

Thuirt beagan agus an dàrna leth den fheadhainn a fhreagair suirbhidh gun robh iad fileanta sa Ghàidhlig.

Ge-tà, cleas mar a tha a' tachairt an iomadh sgìre tha crìonadh ann agus, mar a tha am plana a' mìneachadh, leanaidh seo "mura bi stiùireadh soilleir bhon choimhearsnachd, cho math ri goireasan agus maoineachadh".

'S e Oifigear Leasachaidh Gàidhlig na sgìre, Alison Chaimbeul Clark, a chuir ri chèile am plana le taic buidheann-stiùiridh ionadail.

"Tha tòrr ann agus chan eil iad misneachail a' Ghàidhlig a th' aca a chleachdadh agus tha sinn dìreach ag iarraidh gum bi a' Ghàidhlig ri cluinntinn nas trice na tha an-dràsta sa choimhearsnachd," thuirt i.

Rinn i còmhradh is ceasnachadh le tòrr dhaoine agus diofar bhuidhnean agus tha i ag ràdh gur ann às a' choimhearsnachd a thàinig am plana.

Nis, LeòdhasTùs an deilbh, Getty Images

Am measg na thathar a' moladh 's e barrachd taice agus goireasan do phàrantan le clann am foghlam Gàidhlig, barrachd oifigearan Gàidhlig sa coimhearsnachd agus barrachd chlasaichean airson diofar ìrean de dh'fhileantas.

Tha taigheadas aig prìs reusanta cho math ri smachd air prìsean chroitean agus air na tha de dhàrna dachaighean cuideachd am measg na dh'iarradh gus daoine a thàladh dhan sgìre agus a chumail ann.

"Tha tòrr diofar rudan anns a' phlana seo a dhèanadh diofar dhan chànan sa choimhearsnachd," thuirt Alison Chaimbeul Clark.

'S e amas a' phlana "coimhearsnachd bheòthail a chruthachadh sa bheil sean is òg, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a' còmhradh sa Ghàidhlig".

Bidh seiseanan poblach ann an ath-sheachdain far am faigh am poball cothrom am beachdan a thoirt seachad mu na molaidhean.

Tha cothrom ann beachd a thoirt air a' phlana air-loidhne an seo, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo