Triùir san ospadal an dèidh tubaist air taobh siar Leòdhais

- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis ann an Leòdhas ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh tubaiste eadar trì charbadan air an A857.
Thachair an tubaist mu 4:20f Diardaoin 1mh Lùnastail, faisg air Taigh Bhuirgh.
Bha Volvo V60 gorm, Mazda 3 glas, agus Scania tanker geal an sàs.
Chaidh dithis bhoireannach, 23 agus 36, a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh ann an ambaileans. Thugadh nighean aois 11 dhan aon ospadal ann an ambaileans-adhair.
Chan eil duine aca air an goirteachadh a chùm cunnart am beatha.
Cha deach am fireannach, 38, a bha a' dràibheadh an Scania a ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte grunn uairean de thìde, 's dh'fhosgail e a-rithist aig 10:00f.
"Tha an rannsachadh againn a' leantainn agus tha sinn ag iarraidh air duine sam bith as urrainn ar cuideachadh fios a chur oirnn," thuirt an Sgt Gary Muir.
"Ma bha sibh san sgìre aig an àm 's fiosrachadh agaibh, gu h-àraid dealbhan dash-cam, a dh'fhaodadh an rannsachadh againn a chuideachadh, thigibh thugainn."
Faodar fios a chur air na Poilis an co-cheangal ris an tubaist air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 2612 den 1mh Lùnastail 2024.