Dàrna dachaigh - cìs chomhairle ga dùblachadh?

  • Air fhoillseachadh
Taighean

Dh'fhaodadh gum bi e comasach do chomhairlean toirt air daoine aig a bheil dàrna dachaigh a dhà uimhir a phàigheadh sa chìs chomhairle.

Tha na molaidhean seo mar phàirt de cho-chomhairle a tha ga dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail.

Tha Riaghaltas na h-Alba agus buidheann-riochdachaidh nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, airson sgrùdadh a dhèanamh air ciamar a ghabhadh cur ris an àireamh de thaighean a tha ri fhaotainn do dhaoine.

Thathas airson dèanamh cinnteach gu bheil dachaigh aig prìs reusanta ri fhaighinn do dhuine sam bith a chuireadh feum air.

Dh'fhaodadh gun tèid cead a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail a' chìs chomhairle a dhùblachadh air dàrna dachannan bhon Ghiblean an ath-bhliadhna.

Thuirt an Riaghaltas gun tèid coimhead gu mionaideach air na beachdan a nochdas sa cho-chomhairle.

Tha dùil gun tèid fiosrachadh a bharrachd mu na planaichean fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear, Humza Yousaf, aig coinneamh den STUC Diluain.