Leasachadh na Cille Bige a' gluasad air adhart

  • Air fhoillseachadh
A' Chill BheagTùs an deilbh, SMO
Fo-thiotal an deilbh,

Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Sommerville aig an làraich còmhla ri riochdairean bho na buidhnean a tha an sàs.

Tha obair a' tòiseachadh gus taighean ùra a thogail ri taobh Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Thèid 17 taighean a thogail is seo an dàrna ceum ann am pròiseact gus baile ùr - air am bi Baile na Cille Bige - a chruthachadh ann an Slèite.

Chaidh dà thaigh a thogail roimhe is teaghlaichean òga a-nise a' fuireach annta.

Bidh na taighean ùra rim faighinn aig prìs reusanta, is thèid cuid dhiubh a reic is cuid eile gu bhith rim faighinn air màl.

'S iad Sabhal Mòr Ostaing a tha air cùl an leasachaidh, is iad ag obair ann an co-bhanntachd le Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan.

Aig an ìre seo 's e obair-ullachaidh a tha a' dol air an làraich is obair air na taighean fhèin gus tòiseachadh sa bhliadhna ùir.

Thèid cuideachd às dèidh sin 14 flataichean a thogail ann an leasachadh prìbhideach ri taobh na làraich.

Mar iomadh rud eile, chaidh dàil air a' phròiseact ri linn staing Covid.

A' Chill BheagTùs an deilbh, SMO
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas an dòchas gum bi timcheall air 100 taigh air an làraich air a' cheann thall.

Dh'innis Stiùiriche Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, Donaidh Rothach, gur ann mean air mhean a thèid a' Chill Bheag a thogail is gum bi cothrom ann na planaichean atharrachadh mar a ghluaiseas iad air adhart.

'S e an t-amas gum bi a' Ghàidhlig aig cridhe na coimhearsnachd ùire.

Dh'innis Mgr Rothach gu bheil Sabhal Mòr gu math misneachail gun tèid aca air sin a choileanadh.

"Tha sin uabhasach fhèin cudromach airson an t-Sabhail Mhòir", thuirt Mgr Rothach.

"'S e coimhearsnachd mhòr Ghàidhlig a th' ann an Sabhal Mòr fhèin. Mar sin, 's e an t-amas a tha air a bhith againn bhon chiad dol a-mach airson na Cille Bige, 's e gum bi baile Gàidhlig ga chruthachadh an sin.

"S e an dòigh a bhios sinn a' dèanamh sin, 's e a bhith a' brosnachadh chothroman do dhaoine, gum bi ùidh aig daoine a bhith a' tighinn a-steach airson a bhith nam pàirt de choimhearsnachd ùir far a bheil Gàidhlig aig meadhan beatha a' bhaile.

"Chan eil structar ann an lagh far a bheil cothrom agad rud a chur air dòigh far a bheil cùmhnantan no rudan mar sin ann.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud a tha sinn ag iarraidh a bhith a' dèanamh, 's e a bhith a' toirt misneachd do dhaoine, a bhith a' brosnachadh nan cothroman airson a bhith a' tighinn gu àite far a bheil baile beòthail is coimhearsnachd a tha mar-thà làidir a thaobh a' chànain", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh