Ionad spòrs ùr dha Druim na Drochaid?

'S ann ri taobh Pàirce Iomain a' Bhlàir Bhig a tha an làrach
- Air fhoillseachadh
Tha buidhnean ann an Druim na Drochaid ag ràdh gun tugadh dhaibh "cothrom nach fhaighear ach uair ann an ginealach" sealbh fhaighinn air fearann sa bhaile dhan choimhearsnachd.
Tha Comann Coimhearsnachd Dhùthchail Ghlinn Urchadain, Cluba Iomain Ghlinn Urchadain, Geamaichean Gàidhealach Ghlinn Urchadain, agus clubaichean Rugbaidh is Ball-coise Ghlinn Urchadain an dòchas seann bhùth ri taobh Pàirce Iomain a' Bhlàir Bhig a cheannach.
'S e tha fa-near dhaibh ach ionad spòrs, slàinte is sunnd a thogail air an làraich.
Gheall Stòras Fearainn na h-Alba £210,000 mu choinneimh an £325,000 a tha ga iarraidh air a' bhùth, agus tha buidhnean eile cuideachd air airgead a chur ris.
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Thuirt ionmhasair a' chluba iomain, Friseal MacCoinnich, gum feumar fhathast £37,000 a thogail airson an làrach fhaighinn.
Bhiodh rumannan deasachaidh ùr-nodha, ionad fallaineachd, sauna, bocsa fuar agus rumannan cùraim a dh'fhaodadh a bhith air an cleachdadh airson choinneamhan an lùib an ionaid ùir.
Thuirt Mgr MacCoinnich gur e cha mhòr am pìos mu dheireadh de thalamh chòmhnaird ann am meadhan a' bhaile nach deach a leasachadh fhathast.
"Bhiodh an t-àite seo foirfe leis gu bheil e ri taobh ghoireasan a th' ann mar thà, agus bhiodh buannachd mhòr ann dhan choimhearsnachd gu lèir."
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Samhain 2021

- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios 2025
