
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gum bi foghlam Gàidhlig ri fhaighinn, gu ìre co-dhiù, ann an Àrd-Sgoil Ghleann Urchadain bhon ath-bhliadhna.
Chun seo, bha sgoilearan a bha ag iarraidh foghlaim Ghàidhlig a' dol gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.
Ged a dh'fhosgail aonad Gàidhlig ann am Bun-sgoil Ghleann Urchadain bho chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh a dùnadh ùine is obair an tidseir bàn.
Dh'fhàg sin gun robh aig sgoilearan a bha san aonad is a bha 'son leantainn le foghlam sa Ghàidhlig ri siubhal gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Thàinig leasachadh air cùisean ge-tà, is chaidh aonad Gàidhlig Ghleann Urchadain fhosgladh às ùr.
Adhartas
Dh'innis cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Calum Rothach, gu bheil adhartas a-nise ann a thaobh suidheachadh na h-àrd-sgoile cuideachd.
"Tha an dùbhlan seo mu choinneimh gach ùghdarras ionadail ann an Alba, 's e sin a bhith a' fastadh luchd-teagaisg is gu h-àraidh san àrd-sgoil", thuirt an Comh. Rothach.
"Ach nan rachadh fiù 's dithis suas (gu Àrd-sgoil Ghleann Urchadain), bidh Gàidhlig ann dhaibh.
"'S dòcha nach bi tidsear ann fad na seachdain san sgoil, ach bidh tisdear ann dhaibh pàirt den là is pàirt den t-seachdain airson Gàidhlig a chumail riutha.
"Tha sinn fortanach gu bheil Druim na Drochaid fhèin faisg gu leòr air Inbhir Nis airson leigeil leinn rudeigin a chur air dòigh far am bi Gàidhlig aig na sgoilearan sin nuair a ruigeas iad an àrd-sgoil, is nuair a thèid iad nas àirde anns an àrd-sgoil cuideachd", thuirt e.
Dh'innis an Comh. Rothach gun coimhead a' Chomhairle ri clasaichean air-loidhne, a thuilleadh air tidsearan a bhith a' siubhal bho Inbhir Nis.