Fearg mu aiseag Loch Baghasdail a bhith dheth còrr air còig seachdainnean
- Air fhoillseachadh

Tha fearg anns na h-eileanan an dèidh do ChalMac innse nach bi seòlaidhean idir ann eadar Malaig, an t-Òban is Loch Baghasdal airson còrr air còig seachdainnean bhon 5mh là den Ghiblean.
A rèir ChalMac, 's ann air sgàth dàil air obair-càraidh bhliadhnail a bhios an aiseag dheth chun an 13mh là den Chèitean.
Thuirt iad gu bheil an dàil a' ciallachadh gum feum iad soithichean a ghluasad mun cuairt an lìonra.
Tha seo air caothach adhbhrachadh às ùr agus Stòras Uibhist ag ràdh gu bheil staing nan aiseagan a' dèanamh millidh mhòir air gnothachasan agus a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.
"Bha dragh oirnn an toiseach is a-nise 's e fearg a th' ann", thuirt Dàibhidh Steele bhon chompanaidh Uist Sea Tours.
"Tha daoine a bha am beachd tighinn air fios a chur thugainn agus le seo a-nise, chan eil fiosam am bi duine airson tighinn a dh'Uibhist am-bliadhna.
"Ma tha thu a' coimhead ri làithean-saora a chur air dòigh, bhiodh ceist mhòr ort mu dheidhinn aon àite gu sònraichte agus 's e sin Uibhist", thuirt e.
Thuirt CalMac gur e co-dhùnadh duilich dha-rìribh a bha seo agus gu bheil iad a' tuigsinn na buaidhe a th' aige orrasan a tha an eisimeil na seirbheis.
Cuideam
Thuirt iad cuideachd gu bheil an t-uabhas cuideim air an lìonra air fad agus às aonais shoithichean a bharrachd, nach eil roghainn eile aca.
A rèir Chathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, cha deach smaoineachadh air feumalachdan choimhearsnachdan eileanach nuair a chaidh an co-dhùnadh seo a dhèanamh agus thathas ag iarraidh gun tèid sùil eile a thoirt air faic a bheil fuasgladh ann nach fhàgadh muinntir Uibhist a Deas às aonais aiseig.
Dh'innis Mgr Robasdan nach eil na h-ùghdarrasan a' tuigsinn an t-suidheachaidh anns na h-eileanan is nan dèanadh iad barrachd conaltraidh ri coimhearsnachdan gum faigheadh iad fuasglaidhean na b'fheàrr.
Thuirt e nach eil e na chuideachadh nas motha gu bheil ministear ùr ann airson na còmhdhail is e ag ràdh gun robh a-nise sianar san obair sin bho chaidh e fhèin os cionn na còmhdail aig CnES bho chionn còig bliadhna.
Thog e dragh cuideachd nach eil rùnaire airson còmhdhail sa chaibineat ùr.
Aig an dearbh àm, chaidh am ministear ùr, Caoimhin Stiùbhart, a cheasnachadh aig Holyrood Diardaoin 'son a' chiad turas bho fhuair e an obair.
Dh'innis Mgr Stiùbhart gun do choinnich e ri CalMac airson bruidhinn mu shuidheachadh nan aiseagan.
Chaidh faighneachd dha cuideachd am biodh Riaghaltas na h-Alba deònach airgead dìolaidh a thabhainn do choimhearsnachdan a tha air call eaconomach fhulang ri linn staing nan aiseagan.
Thuirt Mgr Stiùbhart gum feumadh e beachdachadh air an iarrtas.