Luchd-smàlaidh air làrach an teine mhòir sa Mhonadh Ruadh fhàgail

Da charbad-smàlaih - fear dearg le ceart-cheàrnagan buidhe agus Wildfire Unit sgrìobhte ann an litrichean geala air a chliathaich. Air a chùlaibh, tha carbad buidhe le ceart-cheàrnagan dearga. Tha iad air staran greabhail le craobhan air gach taobh. Tùs an deilbh, SFRS
Fo-thiotal an deilbh,

Bha luchd-smàlaidh an sàs san iomairt smachd fhaighinn air an teine fhiadhaich bhon 15mh den Iuchar

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhalbh na criuthaichean mu dheireadh aig Seirbheis Teasairginn is Smàlaidh na h-Alba (SFRS) a bha fhathast aig làrach an teine fhiadhaich mhòir sa Mhonadh Ruadh a thòisich bho chionn faisg air còig seachdainean.

Dh'fhalbh an 15 luchd-smàlaidh à Tèarmann Nàdair RSPB Obar Neithich Diluain.

Tha luchd-obrach an RSPB a' cumail orra a' dèiligeadh ri pìosan talmhainn a tha fhathast teth.

Thòisich an teine ann an sgìre a' Ghlinn Mhòir, faisg air an Aghaidh Mhòir, air a' 15mh den Iuchar agus rinn e milleadh air timcheall air 10 mìle cheàrnagach de mhòintich agus choille.

B' fheudar cuid an dachaighean agus làraichean-campachaidh fhàgail, agus aig an ìre a bu mhiosa bha còrr air 500 luchd-smàlaidh an sàs san iomairt an teine a chur às.

Thuirt RSPB na h-Alba gur e "clach-mhìle chudromach" gun do dh'fhalbh an SFRS agus thug an cathrannas taing dhan a h-uile duine a bha a' dèiligeadh ris an teine.

Thuirt neach-labhairt: "Ge-tà, bidh greis ann fhathast mus tèid againn air fàilte a chur air luchd-tadhail uair eile aig RSPB Obar Neithich."

Fireannach na sheasamh air talamh ann an coille a tha loisgte agus dubh an dèidh teine fiadhaich. Tha masg agus seacaid bhuidhe air. Tha inneal na làimh a tha e a' cleachdadh airson dèiligeadh ris an teine. Tùs an deilbh, RSPB
Fo-thiotal an deilbh,

Loisg an teine mu 10 mìle cheàrnagach de choille agus mòinteach

Thuirt an SFRS gun robh an teine fiadhaich na thachartas "fada agus toinnte" a dh'fhàg muinntir an àite agus luchd-gnothachais troimh-chèile agus iomagaineach.

Thuirt an Iar-Leas-Àrd-oifigear Uilleam Pollard: "Tha cuid de làraichean fhathast dùinte air sgàth agus nach eil an talamh sàbhailte.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine gun a dhol a-steach a sgìrean dùinte agus sgìrean cuingealaichte a sheachnadh."

Tha Coilltearachd agus Fearann an h-Alba a' cur casg air a' phoball bho bhith a' dol gu pàirtean de Choille a' Ghlinn Mhòir.

Thuirt Grant Moir, Àrd-oifigear Ùghdarrais Pàirc a' Mhonaidh Ruaidh, gun robh mòran dhaoine air a bhith an sàs san iomairt smachd fhaighinn air an teine.

"Tha e math gu bheil sinn aig an ìre seo," thuirt e.

Thuirt e gun robh fhathast obair gu leòr ri dhèanamh feuch dè dha-rìribh an cron a rinn an teine.