"Carson nach urrainn dhuinn a bhith a' farpais airson nan duaisean mòra"

Róise Nic an BheathaTùs an deilbh, Dannielle Stewart
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Róise Nic an Bheatha ag ràdh gu bheil sgilean fhilmeadairean nan cànanan Ceilteach a cheart cho math ris an fheadhainn Bheurla

  • Air fhoillseachadh

Tha filmeadair Gàidhealach às Inbhir Nis a' falbh a New York 's i air sgoilearachd chliùiteach a ghlèidheadh airson a dhol dhan School of Visual Arts ann am Manhattan.

Gheibh Róise Nic an Bheatha $66,000 an cois Sgoilearachd BAFTA Fulbright airson MA a dhèanamh ann an Stiùireadh Film.

'S i a' chiad neach a tha stèidhichte ann an Alba a th' air an sgoilearachd seo fhaighinn.

Thuirt Rosie: "'S e an rud as cudromaiche mu dheidhinn na sgoilearachd seo gu bheil e a' sealltainn gum faod sinn maoineachadh eadar-nàiseanta fhaighinn agus gum faod sinn a bhith a' farpais agus a' buannachadh nuair a tha a' mhòr-chuid a' dol gu pròiseactan sa Bheurla."

Bidh duaisean Fulbright - prògram oifigeil aig Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte - gan toirt, le sàr-fharpais, do sgoilearan, daoine cruthachail agus ceannardan air feadh an t-saoghail mar dhòigh air tuigse agus ceanglaichean a bhrosnachadh eadar nàiseanan.

Tha Róise an dòchas sgilean a thoirt air ais leatha a dh'Alba airson gnìomhachas film na Gàidhlig - agus na Gaeilge - a leasachadh.

Róise Nic an Bheatha ag obairTùs an deilbh, Dannielle Stewart
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rosie airson film mòr ann an cànan Ceilteach a dhèanamh aig a' cheann thall

Buinidh Róise do Dhoire ann an Èirinn a Tuath o thùs, far an deach a togail a' bruidhinn na Gaeilge, mus do ghluais i a Dhùn Èideann, ag ionnsachadh na Gàidhlig aig Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig.

Chaidh ceum BA Urr ann an Litreachas is Cànan na h-Alba a bhuileachadh oirre le Oilthigh Ghlaschu ann an 2019, le bliadhna thall-thairis aig Oilthigh Shìm Fhriseil ann am Vancouver an Canada na pàirt den chùrsa aice.

Fhuair i a-mach an-uiridh gun robh e an sgoilearachd Fulbright aice ach cha phàigh sin ach airson cìsean an oilthigh. Mar sin, b' fheudar dhi cur a-steach airson taic-airgid eile a chumas a' dol i fhad 's a tha i a' fuireach ann an New York.

"'S e turas fada, fada a bh' ann faighinn chun na h-ìre seo," thuirt i.

Tha i den bheachd gu bheil e "glè chudromach gu h-àraidh airson a' chànain" gun deach an cothrom a thoirt do neach-labhairt na Gàidhlig.

"Chan eil mi dìreach ag ràdh sin air sgàth 's gun do bhuannaich mise an sgoilearachd," thuirt i le gàire.

"Tha mi a' faireachdainn gu bheil na sgilean againn cho math 's a tha na sgilean Beurla, uaireannan tha iad nas fheàrr.

"Mar sin, carson nach urrainn dhuinn a bhith a' farpais airson nan duaisean mòra, carson nach eil sinn a' sabaid airson an airgid Bheurla cuideachd," thuirt i.

Tha Róise airson filmichean sa Ghàidhlig a chur mu choinneimh an t-saoghail mhòir.

Tha i den bheachd gu bheil soirbheas filmichean Gaeilge mar Kneecap agus An Cailín Ciúin air filmeadairean a mhisneachadh.

Bidh na filmichean goirid aice, a th' air duaisean a chosnadh, tric a' cleachdadh fèin-aithne agus cànan Ceilteach mar dhòigh air drochaidean a dhèanamh eadar seallaidhean is beachdan eadar-dhealaichte.

'S e an t-amas aice air a' cheann thall film mòr a dhèanamh anns a' Ghàidhlig nuair a thilleas i a dh'Alba.

"Ach, am-bliadhna, tha mi airson filmichean a chruthachadh, a' sgrìobhadh sgriobtaichean agus tòrr fhaighinn a-mach às a' chùrsa.

Aig deireach a' chùrsa bidh film goirid ùr agam, leis an sin cùm sùil a-mach airson sin."